Comar na Drise

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Comar na Drise
Row of houses, Cummertrees.jpg
Mapa dg comar na drise.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 58' 06″ Tuath
03° 21' 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Comar na Drise aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Comar na Drise (Beurla: Cummertrees). Tha e suidhichte dà chilemeatair air falbh bhon a' chladaich, aig dìreach 4m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar an Daltan agus Ruadhail, ri taobh an Uillt Pow.[2] Tha e 251km air falbh bho Obar Dheathain, 110km bho Ghlaschu, 108km bhon An t-Sròn Reamhar agus 108km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Comar na Drise. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsta[4] agus raon goilf air iomall Chomar na Dris aig Powfoot, a bhuineas dhan pharaiste. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thachair arrabhaig eadar Arm Raibeart Bruis agus feachd Shasannach an seo ri linn Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Alba.[6] Chuir na Gall ruaig air fir na h-Alba. Chaidh lùchairt Kinmount a thogail an seo ann an 1820 leis a' Mharcas Queensberry agus 's e fear air an robh Robert Smirke a bh'ann an ailtire.[7] Cheannaich Steve Ovett, a bha na Lùth-chleasaiche, an lùchairt ann an 1988[8] Chaill an 9mh Marcas, Iain Sholto Dùghlasach, an oighreachd leis nach robh esan idir glic taobh gnothachas. A' dh'aindeoin sin, sgrìobh esan riaghailtean bogsaigidh agus dh'fhàg e air Oscar Wilde[9] gu robh an sgrìobhadair ann an càirdeas Co-sheòrsach leis a mhac, Percy. Thog fear-gnothaich à Sasainn sreath dhe taighean ann an stoidhle Shasannach fad na 1890an nuair a bha làmh an uachdair aige san oighreachd, is esan ag iarraidh an sgìre a leasachadh airson turasachd. Gu mì-fhortanach dhasan, rinn An Cogadh Mòr sgrios air a chuid phlanaichean.[10] Thogadh stèisean rèile air an loighne eadar Glaschu agus Cathair Luail ann an 1848 ach dhùnadh e ann an 1955 is chaidh an togalach a reic.[11]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Falling Rain
  2. Scottish places
  3. Distance Calculator
  4. Powfoot Golf Hotel
  5. A' Chomhairle
  6. Canmore
  7. Alba Aosmhor
  8. Daily Record
  9. Dowling, Linda C (1994). Hellenism and homosexuality in Victorian Oxford. Ithaca, NY: Cornell University Press. d. 141. ISBN 9780801429606.
  10. Dumfriesshire Companion
  11. Lindsay, David M. E. (2002). G&SWR Register of stations, routes & lines. G&SWR Association. Pàirt 2.1, Duilleag 2