Penpont

O Uicipeid
Penpont

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 23′ 50″ Tuath
03° 46′ 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh mu 400 ()
Àireamh fòn 01848
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Cill Osbairn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Penpont. Tha e suidhichte aig 62m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Am Mòine Naomh agus Bàrr na Dris. Tha e 316km air falbh bho Obar Dheathain, 101km bho Ghlaschu, 27km bhon Dùn Phrìs agus 104km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Penpont, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[3] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus Turasachd. A bharrachd air sin, tha carabhanlann,[4] talla a' bhaile agus gailearaidh-ealain ann[5] anns a’ bhaile, ach tha an taigh-seinnse dùinte an-dràsda.[6] Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[7] ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann am Bàrr na Dris.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Pen y Bont[8] (Gàidhlig: Ceann na Drochaid) sa Seann-Chuimris a tha ainm a' bhaile.[9] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Chaidh an t-ainm a ghàidhealachadh ann an 1316 mar Kinpunt, [10] leis gun do nochd ar cànan ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[11]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha tobhtaichean chaisteil, air a bheil Tibbers (neo Tobar sa Ghàidhlig), faisg air a' bhaile, a bharrachd air tobhtaichean chabhsair bho àm nan Ròmanach. Thug Uilleam Uallas ionnsaigh air a' chaisteal ri linn Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Alba.[12] Nochd Penpont sa nobhail The Private Memoirs and Confessions of a Justified Sinner, a sgrìobh Seumas Hogg ann an 1824. Thoisich Fèil ann an 1891 agus tha e air a bhith a' dol bho neart gu neart fad còrr is ciad bliadhna. Thogadh eaglais ùr sa bhaile ann an 1867[13] san aon àite far an robh àite cràbhach air a bhith fad nan linntean. Tha dà chlach bhon 11mh Linn a lorgadh sa chladh ri fhaicinn san taigh-tasgaidh ann an Dùn Phrìs. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 41 duine à Penpont bàs sa Chogadh Mòr[14] agus naoinear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Elevatin Map
  2. Distances From
  3. Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
  4. Penpont Leisure
  5. Big Red
  6. Drumsleet
  7. A' Chomhairle
  8. Scottish Places
  9. Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  10. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  11. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  12. Life of Sir William Wallace of Elderslie, John Donald Carrick, Dùn Èideann, 1830
  13. Canmore
  14. Scottish War Memorials Project