Tynron

O Uicipeid
Tynron

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 12' 58″ Tuath
03° 52' 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01848
Duilleag oifigeil Tynron aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Tynron (neo Dunron agus Kirk of Tynron o shean).[1] Tha e suidhichte aig 141m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Penpont agus Am Mòine Naomh, ri taobh na h-aibhne Shinnel.[3] Tha e 241km air falbh bho Obar Dheathain, 76km bho Ghlaschu, 46km bho Inbhir Anainn agus 92km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Tynron. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus turasachd. A bharrachd air sin, tha trì tuathanasan agus talla a' bhaile ann. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann am Penpont agus dhan àrd-sgoil ann am Bàrr na Dris.[5]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Dyn Rhòn (Gàidhlig: Dùn na Lannsa) ann an seann chuimris a tha an t-ainm.[6] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Gu h-inntinneach, tha Dùn ro-eachdraidheil ann, air a bheil Tynron Doon neo Auchengibbert Hill.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha tobhtaichean structar neo dhà bho Linn an Airgid ann shuas air a' dhùn cuideachd.[7] Chleachd na Ròmanaich agus na Breatannaich e. Thogadh tùr dìona air bàrr a' dhùin san 16mh Linn ach leagadh mu 1750 e.[8] Thogadh drochaid air an abhainn Shinnel ann an 1786 is an uair sin thogadh a' mhòr-chuid dhe na taighean a chithear nar làithean. Chaidh an eaglais ùr a thogail ann an 1837,[9] san aon àite far an robh sean eaglais bhon 17mh Linn agus tha fiù 's clach-uaighe neo dhà bho 1683 ann.[10] Dhùnadh an eaglais ann an 1997.[11] A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair sianar às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr.[12] Ghoideadh a' phrais chuimhneachaidh nuair a dhùnadh an eaglais ach chunnaic tè à Tynron ann am bùth an Glaschu i is thugadh air ais dhachaidh leis a' phoilis i. Tha a' phràis ga cumail ann an talla a' bhaile a-nis.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dumfriesshire Companion
  2. Elevation Map
  3. Scottish Places
  4. Distance From
  5. A' Chomhairle
  6. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society, duilleagan 147-148
  7. CAST
  8. Canmore
  9. Buildings at risk
  10. Canmore
  11. Moniaive
  12. Scottish War Memorials Project