Wamphray

O Uicipeid
Wamphray

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 14′ 24″ Tuath
03° 23′ 46″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 53.3 km²
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Wamphray aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Loch Mhabain, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Wamphray (Wamfry neo Wamfray o shean). Tha e suidhichte aig 74m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Drochaid Mhic Iain agus Am Magh Fada,[2] ri taobh na h-aibhne Anainn.[3] Tha e 227km air falbh bho Obar Dheathain, 88km bho Ghlaschu, 29km bho Inbhir Anainn agus 80km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann am Wamphray. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann,[5] agus le sin feumar a dhol dha na sgoiltean anns a' Mhagh Fada neo Logarbaidh.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig Uamh a tha an t-ainm. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[6]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chruthachadh tursachan aig Kirkhill ro àm nan Ròmanach agus thogadh caisteal le motte san 12mh Linn.[7] S' ann le Roger de Kirkpatrick a bha an t-àite seo ann an 1357, ach bha làmh an uachdair air a bhith aig Clann 'Ic Iain bhon 1549.[8] Bha faisg air 580 duine a' fuireach an seo ann an 1830[9] ach tha àireamh-shluaigh na sgìre air a bhith a' tuiteam bhon uairsin. Chaidh eaglais ùr a thogail ann an 1834, ann an aon àite far an robh sean eaglais ann o shean.[10] Sgrìobh Walter Scott luaidh air a bheil The Lads of Wamphray ann an 1800[11] mu dheidhinn eachdraidh trioblaideach na sgìre san 16mh Linn.[12] Thogadh loidhne-rèile tron sgìre ann an 1847, ach dhùnadh an stèisean ann an 1960.[13] A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair naoinear à Wamphray bàs sa Chogadh Mòr[14] agus ceathrar eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Elevation Map
  2. Scottish Places
  3. Red House
  4. Distance From
  5. A' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  6. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  7. Dumfriesshire Companion
  8. Canmore
  9. Visions
  10. Scotland's Churches
  11. Scholar Commons
  12. Minstrelsy
  13. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199
  14. Scottish War Memorials Project