Chapelknowe

O Uicipeid
Chapelknowe

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 02' 60″ Tuath
03° 04' 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 013873

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Cille Phàdraig nam Fleamach agus na crìochan le Sasainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Chapelknowe. Tha e suidhichte aig 72m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Canonbie agus Eaglesfield, ri taobh an Uillt Lògan.[2] Tha e 241km air falbh bho Obar Dheathain, 117km bho Ghlaschu, 34km bho Dhùn Phrìs agus 101km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Chapelknowe. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dha na sgoiltean ann an Eaglesfield, Greatna neo Inbhir Anainn.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am parraist Morton, far a bheil Chapelknowe, a roinneadh ann ann 1621: chaidh an àirde an iar a thoirt gu Wauchope agus chaidh an àirde an ear a chur le Canonbie.[4] Chanadh Half Morton ris bhon uair sin. Thogadh eaglais ùr an seo mu 1774 agus leasachadh ann an 1833 agus 1839 i.[5] Thogadh eaglais UP an seo ann an 1890 cuideachd. Thogadh mansa san 19mh Linn air a bheil Cadgill House.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Elevation Map
  2. Geoview
  3. Distance From
  4. Scottish Places
  5. CAST