Bentpath

O Uicipeid
Bentpath

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 20′ 00″ Tuath
03° 08′ 03″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 013873
Duilleag oifigeil Duilleag na Sgìre

‘S e baile beag dùthchasail faisg air na crìochan le Comhairle nan Crìochan, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Bentpath. Tha e suidhichte aig 143m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Langaim agus Eskdalemuir, ri taobh na h-aibhne Easg.[2] Tha e 225km air falbh bho Obar Dheathain, 105km bho Ghlaschu, 36km bho Dhùn Phrìs agus 84km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Bentpath. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile agus leabharlann ainmeil anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Langaim.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thoisich gnothach nam mèinnean[4] sa sgìre san 18mh Linn agus stèidhich na mèinnearan leabharlann ann an 1793.[5] Bha dìreach 23 leabhair aig an toiseach ach fhuair iad dìleab dhe £1,000 bho Thomas Telford[6] agus £1,700 ann an 1851. Bha 8,000 leabhar sa leabharlann ann an 1923. S' e an leabharlann leantainneach as sine an Alba a th' ann. Thogadh eaglais an seo ann an 1880,[7] ach tha clachan bho 1649 ann cuideachd. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair naoi duine deug à Bentpath bàs sa Chogadh Mòr[8] agus fear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Falling Rain
  2. Canmore
  3. Distance from - to
  4. Dumfriesshire Companion
  5. Langholm Online
  6. Scottish Places
  7. Canmore
  8. Scottish War Memorials Project