Drochaid Mhic Iain

O Uicipeid
Drochaid Mhic Iain

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 12′ 50″ Tuath
03° 25′ 01″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Drochaid Mhic Iain aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Drochaid Mhic Iain. Tha e suidhichte aig 93m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a tuath na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Am Magh Fada agus Logarbaidh, ri taobh na h-aibhne Anainn. Tha e 14km air falbh bho Dhùn Phrìs agus 110km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Drochaid Mhic Iain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air coilltearachd agus àiteachas. Chaidh am baile a stèidheachadh dìreach ann an 1820.[3] Tha taigh-òsda[4] agus seirbheisean a' mhòir-rathaid ann.[5] Tha bun sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil anns a' Mhagh Fada.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a tha an t-ainm a' cur nar cinn, s' ann le Clann 'Ic Iain a bha an sgìre air fad o shean. Chaidh eaglais a' bhaile a thogail ann an 1819, air tobhtaichean an t-sean eaglais bho 1743.[7] Chaidh clag na h-eaglaise a thoirt bhon Tùr a bhuineadh do Chlann 'Ic Iain ann am Beattock. Chaidh an lùchairt Raehills a thogail san dàrna leth na 18mh Linne.[8] Chruthaich an t-innleadair Thomas Telford drochaid an seo ann an 1818, a bha cho cudromach a thug i ainm dhan bhaile a dh'fhàs mus a timcheall. Thogadh tè ùr na àite ann an 1939. Chaidh am mòr-rathad a thogail ann an 1966 agus seirbheisean còmhla, a tha a' toirt airgead agus dreuchdan dhan sgìre. [9] A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair trì duine deug às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[10] agus ceithrear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Elevation MapTeamplaid:Fix/category[dead link]
  2. Distance Calculator
  3. Scottish Places
  4. Trip Advisor
  5. Motorway Services
  6. A' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  7. Dumfries Companion
  8. George GoldsmithTeamplaid:Fix/category[dead link]
  9. Scottish Screen Archive
  10. Scottish War Memorials Project