Applegarthtown

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Applegarthtown
Applegarth church and memorial.jpg
Mapa dg applegarthtown.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 08′ 24″ Tuath
03° 24′ 36″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Applegarthtown. Tha e suidhichte aig 61m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Loch Mhabain agus Logarbaidh, ri taobh na h-Aibhne Anainn.[2] Tha e 238km air falbh bho Obar Dheathain, 97km bho Ghlaschu, 19km bho Inbhir Anainn agus 91km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Applegarthtown. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas. A bharrachd air sin, tha tèarmainn nam fiadh-bheathach ann.[4] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dha na sgoiltean ann an Logarbaidh neo Loch Mhabain.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha a h-uile coltas ann gu bheil an t-ainm a' ciallachadh Baile Garradh an Ubhail, bho Seann-Lochlannais epli (Uabhal) agus garðr (Garradh).[5] Rachadh rathad Ròmanach tron sgìre o shean[6] agus bha Cill aig Ridirean an Teampaill ann cuideachd. Seo far an d'rinn an Righ Èideard I Shasainn ùrnaigh ann an 1300 air an t-slighe gu Cille Bhlàthain. Chaidh crois mhargaidh a thogail an seo san 17mh Linn[7] agus chumadh fèilltean an seo bho 1685.[8] Thogadh eaglais ùr an seo mu 1760 agus leasachadh ann an 1822 agus 1900 i.[9] Chaidh Applegarthtown agus Sibbaldie a dh aonadh ann an an pharraist ann an 1609. Tha am parraist seo am broinn pharraist Loch Mhabain a-nis. A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 27 às an sgìre bàs sa Chogadh Mòr[10] agus triùir eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Falling Rain
  2. Geograph
  3. Distance From
  4. Wild Seasons
  5. Glosbe
  6. Scottish Places
  7. Scotland's Places
  8. Canmore
  9. Scotland's Places
  10. Scottish War Memorials Project