Cair Ruairidh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Cathair Ruairidh)
Cair Ruairidh

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 59 88″ Tuath
32° 60 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 133 (1971)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Cathair Ruairidh aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Daltan, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cair Ruairidh.[1] Tha e suidhichte aig 76m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Inbhir Anainn agus Dùn Phrìs, ri taobh an Uillt Daltan, a shruthas dhan Abhainn Anainn ri chùlaibh a' bhaile.[3] Tha e 247km air falbh bho Obar Dheathain, 104km bho Ghlaschu, 105km bhon An t-Sròn Reamhar agus 103km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha 133 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[5] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cair Ruairidh. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. A bharrachd air sin, tha dà thaigh-òsta[6][7] agus ionad gàirnealaireachd[8] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[9] an seo ach feumar dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn. Tha an rathad A75 eadar Cair Luail agus An t-Sròn Reamhar a' dol seachad agus chithear am baile bhon an rathad.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Caer Ruther[10] sa Seann-Chuimris a tha ainm a' bhaile.[11] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba, fiù 's ann an 1325 nuair a chaidh an t-ainm a chlàradh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1350.[12]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  2. Weather Forecasthttp://www.tiptopglobe.com/city?i=801314&n=Carrutherstown Tiptop Globe
  3. All Travels
  4. Distance Calculator
  5. Scottish Places
  6. Carrutherstown Hotel
  7. Hetland Hall
  8. Hetland Nursery
  9. A' Chomhairle
  10. Scottish Places
  11. Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  12. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892