Kirtlebridge

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Kirtlebridge
The village of Kirtlebridge - geograph.org.uk - 1061864.jpg
Mapa dg kirtlebridge.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 02′ 38″ Tuath
03° 11′ 34″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Kirtlebridge aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Kirtlebridge. Tha e suidhichte aig 82m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Greatna agus Eaglais Fheichin, ri taobh na h-aibhne Kirtle Water.[2] Tha e 244km air falbh bho Obar Dheathain, 113km bho Ghlaschu, 26km bho Dhùn Phrìs agus 101km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Kirtlebridge. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan an an Cathair Luail. A bharrachd air sin, tha taigh-seinnse/bìdhe[4] agus taigh-òsta ann.[5] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann, agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann an Cille Phàdraig nam Fleamach[6] agus dhan dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn neo Eaglais Fheichein.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

'S e na Irvine a bh'ann an teaghlach na bu treasa an seo o shean. Bha iad an sàs ann an còmhstri eadar Albannaich oir bha dlùth càirdeas aca le Clann 'Ic Iain. 'S e iad a thug an Tùr air a bheil Bonshaw, ann an 1545.[7] Thogadh loidhne-rèile an seo ann an 1849 ach dhùnadh an stèisean ann an 1960.[8] Thachair tubaiste rèile marbhtach an seo air 27 an Giblean 1872. Bhuail trèana luath à Lunnainn trèana luchd slaodach. Chaochail 11 duine san tubaiste.[9] 'S e buaireas ann an Cathair Luail, far a dh'fhàg an trèana à Lunnainn an stèisean fadalach, a bha aig cnag na cùise. Chaidh eaglais a thogail sa bhaile ann an 1840 agus chaidh i a leasachadh ann an 1897.[10] Tha i dùinte is an togalach ri reic.[11] A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair 20 duine à Kirtlebridge bàs sa Chogadh Mòr.[12]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Elevation Map
  2. Scottish Places
  3. Distance From
  4. Trip Advisor
  5. The Mill
  6. A' Chomhairle
  7. Dumfriesshire Companion
  8. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199.
  9. Railways Archive
  10. BBC
  11. Church of Scotland
  12. Scottish War Memorials Project