Hightae

O Uicipeid
Hightae

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 05' 00″ Tuath[1]
03° 25' 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil Hightae aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Loch Mhabain, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Hightae. Tha e suidhichte aig 34m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Torthorwald agus Logarbaidh, ri taobh na h-aibhne Anainn.[3] Tha e 243km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 12km bho Dhùn Phrìs agus 96km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Hightae. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile ainmeil[5] agus taigh-seinnse/taigh-òsda[6] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil[7] ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Logarbaidh.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a coltas ann gur ann à Seann Bheurla Heghetache (Gàidhlig: Òrdag Àrd) a th' ann ainm a' bhaile.[8] A dh aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Lochlannais tjd (sràc) a tha e.[9] 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[10] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thug Righ Raibeart I na h-Alba[11] còirichean sònraichte air an fhearainn do mhuinntir na sgìre mar duais airson a bhith dìleas dha ri linn Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Alba. Le sin thogadh talla a' bhaile ann an Hightae airson ceithir bailtean beag air iomall Loch Mhabain: Hightae, Heck, Greenhill agus Smalholm, neo na Ceithir Bailtean Rìoghail mar a chanadh iad. Chaidh talla a' bhaile ùr a thogail an seo ann an 1910, le taic airgid bho Andrew Carnegie. Thogadh eaglais an seo ann an 1796 agus leasachadh ann an 1865 i.[12] Chaidh lùchairt air a bheil Rammerscales[13] a thogail an seo ann an 1768 le fear-malairt agus lighiche air an robh James Mouncey, a rinn fortan dhasan fhèin thall san Ruis nuair a bha Catrìona Mhòr os cionn na dùthcha. Cheannaich William Bell Macdonald à Glaschu ann an 1790 i. 'S e eadar-theangaiche fa-leth a bh' anns an Dòmhnallach, a chuireadh A' Bheurla Ghallda gu Eabhra, Gearmailtis, Greugais neo Laideann. Sgrìobh esan Gràmar na Coptais cuideachd. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair ceithir duine deug à Hightae bàs sa Chogadh Mòr[14] agus còignear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Geographic
  2. Falling Rain
  3. Fish Pal
  4. Distance from - to
  5. Geolocation
  6. Hightae Inn
  7. A' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  8. Scottish Placenames Society
  9. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  10. Ordanance Survey
  11. Dumfries Companion
  12. Scotland's Churches
  13. Rammerscales
  14. Scottish War Memorials Project