Gleann Chapall

O Uicipeid
Gleann Chapall

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 00' 03″ Tuath
03° 00′ 35″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 610 (2011)
Àireamh fòn 01387
Duilleag oifigeil [1]

‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùin Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Gleann Chapall (Beurla: Glencaple).[1] Tha e suidhichte aig ìre na mara,[2] san ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar An Abaid Ùr agus Inbhir Anainn, aig inbhir na h-aibhne Nid. Tha e 34km air falbh bho Chille Chuithbeirt, 102km bho Ghlaschu, 93km bhon An t-Sròn Reamhar agus 108km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 610 duine a’ fuireach anns a' bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Gleann Chapall. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air iasgach[4] agus turasachd. Tha taigh-òsta,[5] ionad nan con[6] agus ionad turasachd[7] anns a’ bhaile cuideachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[8] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Dùn Phris.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig fhèin a tha ainm a' bhaile.[9] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[10]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thogadh Caisteal Chille Bhlàthain[11] an seo san 13mh Linn air tobhtaichean daingneach Ceilteach, ach cha do deach am baile a stèidheachadh gus 1747[12] agus bha e na phort airson Dùn Phris, leis gu bheil e na b' fhaisg air an Linne Shalmhaigh agus o chionn 's gu robh an abhainn in-sheòlta aig toiseach tòisichidh an 19mh Linne. Bhathar a' togail bàtaichean sa bhaile bho 1806 gu ruige 1858 sa ghàrradh MhicThòmais [13] ann am bitheantas dà dhuibh gach bliadhna.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Gleann Chapall”. Am Faclair Beag. Air a thogail 29mh dhen Fhaoilleach 2019.
  2. Falling Rain
  3. Weather Forecast
  4. Fishpal
  5. Nith Hotel
  6. Canine Rescue
  7. Caerlaverock Estate
  8. Caerlaverock PrimaryTeamplaid:Fix/category[dead link]
  9. Etymological Geography: Being a Classified List of Terms of Most Frequent Occurrence, T. A. Gibson, Dùn Èideann, 1835
  10. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  11. Canmore
  12. Vision of Britain
  13. Ports