Cille Phàdraig nam Fleamach

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Cille Phàdraig nam Fleamach
Kirkpatrick-Fleming - geograph.org.uk - 210226.jpg
Mapa dg cille phàdraig nam fleamach.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 01′ 27″ Tuath
03° 08′ 05″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01461
Duilleag oifigeil Cille Phàdraig nam Fleamach aig Visit Scotland

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cille Phàdraig nam Fleamach. Tha e suidhichte aig 42m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Eaglesfield agus Greatna, ri taobh na h-Aibhne Kirtle.[3] Tha e 246km air falbh bho Obar Dheathain, 118km bho Ghlaschu, 31km bho Dhùn Phrìs agus 104km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Cille Phàdraig nam Fleamach. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Cathair Luail. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile[5] agus taigh-bìdhe[6] ann. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann,[7] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thog na Ròmanaich campa agus rathad tron sgìre o chionn fhada.[8] 'S e na Fleming an teaghlach Tormodach aig an robh làmh an uachdair an seo o shean. Tha eaglais air a bhith ann fad na linntean: thug Raibeart I na h-Alba i do mhanaich à Giseburn ann an 1191. Cha do deach an eaglais a chithear nar làithean a thogail ach ann an 1735 agus chaidh i a leasachadh ann an 1778.[9] Chaidh am parraist a chruthachadh ann an 1609 tro aonadh Kirconnel agus Irving, ach tha e ann an aon pharraist còmhla ri Half Morton agus Greatna a-nis.[10] Tha beul-aithris na sgìre ag innse dhuinn gu robh Am Brus a' falach ann an uamh an seo nuair a chunnaic e an damhan-allaidh ainmeil sin.[11] Thogadh stèisean rèile air an loighne eadar Glaschu agus Cathair Luail ann an 1847 ach dhùnadh e ann an 1960 is chaidh an togalach a reic.[12] A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 26 à Cille Phàdraig nam Fleamach bàs sa Chogadh Mòr[13] agus deichnear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Scottish Places
  2. Elevation Map
  3. NCAP
  4. Distance From
  5. Village Halls
  6. Trip Advisor
  7. A' Chomhairle
  8. CAST
  9. Canmore
  10. Gretna Old Parish
  11. Dumfriesshire Companion
  12. Lindsay, David M. E. (2002). G&SWR Register of stations, routes & lines. G&SWR Association. Pàirt 2.1, Duilleag 2
  13. Scottish War Memorials Project