Na Seumasaich

O Uicipeid

'S e na Seumasaich a chanar ris an fheadhainn a bha a' leantainn agus a' toirt taic don dà chuid :

  • an seachdamh Rìgh Seumas Stiùbhart Alba (an darna Shasainn);
  • agus a mhac an t-ochdamh Rìgh Seumas Stiùbhart Alba (an treasamh Shasainn, nan robh e air a' chrùn a bhuannachd).[1]

Chog luchd-leantainn Tigh Rìoghail nan Stiùbhartach ri luchd-leantainn Tigh Rìoghail Hanobhair, a thug Crùn Bhreatainn bhuapa san Ar-a-mach Ghlòrmhoir, 1688.

Ged a bha mòran uaislean am Breatainn air fad nan Seumasaich, 's ann an Alba a dh'èirich a h-uile ar-a-mach – ann an 1689-90, 1715, 1719 agus 1745-46 (Bliadhna Theàrlaich). Bhiodh na Seumasaich a' cur mòran suim sna fineachan Gàidhealach, agus bha e nas fhasa dhaibh feachd armaichte a chruinneachadh air Gàidhealtachd na h-Alba airson adhbharan co-cheangailte ri cruth na tìre, eachdraidh sòisealta – gu seachd àraid an cumhachd a bh' aig na cinn-cinnidh agus an cuid fir-taic – agus dìth smachd an riaghaltas sna glinn.

Ged a bha na rìghrean seo (agus Prionnsa Teàrlach Stiùbhart, mac an ochdamh Rìgh Sheumais), nam Pàpanaich, bha a chuid a bu mhotha dhen luchd-leantainn aca an Alba nan Easbaigich. Sa chumantas cha b' e adhbhar creidimh idir a thug air luchd-taic nan Seumasach èirigh.

Lean an cogadh seo aig diofar amannan suas gu 16mh Giblean 1746, nuair a rinneadh spàirn mu dheireadh nan Seumasach fon Phrionnsa Teàrlach, agus thugadh adhbhar nan Seumasach gu crìch aig Blàr Chùil Lodair, faisg air baile Inbhir Nis, Alba.

Daoine[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Alasdair mac Mhaighstir Alasdair na Sheumasach gu chùl. Is iomadach òran-brosnachaidh a rinn e an adhbhar nan Seumasach.

Tuilleadh Leughaidh[deasaich | deasaich an tùs]

MacCoinnich, Iain, Eachdraidh a' Phrionnsa, no Bliadhna Theàrlaich, Thornton agus Collie (Dùn Èideann, 1845 – agus iomadach tionndadh às a dhèidh)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Foghlam Alba

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]