Dòrnach
O Uicipeid
'S e baile air a’ Ghàidhealtachd a tha ann an Dòrnach (Beurla: Dornoch). Tha am baile suidhichte air bruach tuathach Caolas Dhòrnaich far a bheil an caolas a’ tighinn ri chèile le Linne Mhoireibh. Tha Dòrnach faisg air a' mhòr-rathaid A9. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 52′ 48″ Tuath agus 4° 1′ 48″ Iar.
Tha cathair-eaglais ann a chaidh a thogail anns an 13mh linn. Tha Caisteal Dhòrnaich agus roinn-goilf ainmeil ann cuideachd.
Canar gum b’ e sin an t-àite far an deach a’ bana-bhuideach mu dheireidh a losgadh. B’ e Janet Horne an t-ainm a bha oirre, chaidh a cur gu bàs ann an 1727.
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH 796 896