Baile Ùr nan Stiùbhartach

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Newton Stewart)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Baile Ùr nan Stiùbhartach
Baile Ur nan Stiubhartach.jpg
Mapa Bhaile Ur nan Stiubhartach DG.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Penninghame[1]
Co-chomharran 54° 58′ 00″ Tuath
04° 28′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 3,573[2] (2011)
Àireamh fòn 01671
Còd-puist DG8[3]
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Poll an Iùbhair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach (Beurla/Beurla Ghallta: Newton Stewart). Tha e suidhichte aig 42m os cionn ìre na mara,[4] air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Port Aiseig a' Chrìch agus Bàrr a' Ghrianain, ri taobh na h-aibhne Crìch,[5] far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Salmhaigh aig Bàgh Chrìch. Tha a' chuid as motha dhen bhaile air taobh an iar na h-aibhne. Tha a' mhòr-rathaid A75 a' ceangal a' bhaile leis an t-Sròin Reamhair san iar agus le Dùn Phrìs san ear.Tha e 285km air falbh bho Obar Dheathain, 102km bho Ghlaschu, 57km bho Dhùn Phrìs agus 137km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[6] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha dà bhun-sgoil[7] agus àrd-sgoil ann.[8] 'S e Baile Ùr nan Stiùbhartach teis-mheadhan clèireachail sgìre na Machrach.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 17mh linn le William Stewart, am mac as òige dhen 2na Iarla Gall-Ghaidhealaibh. Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh an seo ann an 1973[9] agus bha am film ri fhaicinn ann an taigh-dealbh airson a' chiad turas anns a' bhaile fhèin.

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Gleann a' Chrìch a bhuineas Baile Ùr nan Stiùbhartach, a ghabhas a-steach Muine Gobha, Poll an Iùbhair, Gleann an t-Sruthail, Bàrr a' Ghrianain agus cuid mhòr dhen Phàirc-choille na Gall-Ghàidhealaibh cuideachd. Tha 4,730 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 21 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla MhicGilleMhaoil, ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[11]

Pàrtaidh Ainm Bhòtaichean
Nàiseantaich Alasdair Geddes 1,027
Gun phàrtaidh Seumas MacCholuim 993
Tòraidhean Greum MacNeacail 948.2

Gnàth-shìde[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.4 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1124mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Baile Ùr nan Stiùbhartach . Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach .[12] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 63mm eadar an Giblean (dìreach 63mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (126mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.3 °C.

Sileadh ann am Baile Ur nan Stiubhartach.jpg

Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha sia seirbheisean bhus a' frithealadh a' bhaile:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Arcgis
  2. Scotland's Census Result OnLine
  3. Post Code Maps
  4. Falling Rain
  5. Andrew Symson, A large description of Galloway, 1823, W. and C. Tait, duilleag 94
  6. Distance From To
  7. A' Chomhairle
  8. Douglas Ewart High School
  9. Movie Locations
  10. A' Chomhairle
  11. LGBC
  12. Climate Data
  13. Còmhdhail na Comhairle

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 414 654