Taigh Mhàrtainn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Taigh Mhàrtainn
High Street and War Memorial - geograph.org.uk - 736898.jpg
Mapa Thaigh Mhàrtainn ann an DG.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Taigh Mhàrtainn fhèin[1]
Co-chomharran 54° 51′ 00″ Tuath
04° 28′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 867 (2001[2])
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[3]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Taigh Mhàrtainn (Beurla/Beurla Ghallta: Whithorn, Laideann: Candida Casa). Tha e suidhichte aig 30m os cionn ìre na mara,[4] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975, eadar Port Rosnait agus Cille Chainneir. Tha e 305km air falbh bho Obar Dheathain, 126km bho Ghlaschu, 64km bho Dhùn Phrìs agus 126km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Taigh Mhàrtainn. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, leabhraichean agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[6] ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[7] Tha Taigh Mhàrtainn ainmeil air feadh an t-saoghail mar chreathal Chrìosdaidheachd ann an Alba.[8]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a e coltach ann gur ann à taigh anns a’ Ghàidhlig fhèin agus ainm an Naoimh Martin de Tours san Fhraing a tha an t-ainm againne.[9] A dh'aindeoin sin, bha cuid a Ghàidheil san sgìre a' cleachd an ainm sa Beurla air a gàidhealadh gu Futarne. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[10] Thathar dhen bheachd gur ann à hvit (geal) a tha an t-ainm sa Bheurla.[11] Bheireadh sin Ros Geal dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha an t-ainm ann an Laideann a' measgachadh a' Ghàidhlig taigh (casa) agus a' Beurla hvit (candida).

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh an t-àite seo a chlàradh le Ptolomy mar Ptolemy AovKOTrifiia [Loucopibia]. Chaidh an t-ainm ùr a chlàradh airson a' chiad turas mar St. Martin's Kirk of Quitherne ann an 1497.[12] Chuir Naomh Ninian bliadhnaichean seachad a' searmonachadh an seo Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[13] Ràinig an Rèile dhan bhaile ann an 1875, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.[14]

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Thaigh Mhàrtainn a bhuineas Taigh Mhàrtainn, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha 961 duine a' fuireach san sgìre air fad.[15] Tha 14 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla Choimhearsnachd na Machrach a Deas, ann an Taigh Mhàrtainn. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[16]

Pàrtaidh Ainm Bhòtaichean
Nàiseantaich Alasdair Geddes 1,027
Gun phàrtaidh Seumas MacCholuim 993
Tòraidhean Greum MacNeacail 948.2

Gnàth-shìde[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.3 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1082mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Taigh Mhàrtainn. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Taigh Mhàrtainn.[17] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 59mm eadar an Giblean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (121mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.8 °C.

Sileadh agus Teothachd ann an Taigh Mhàrtainn.jpg

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Arcgis
  2. Scotland's Census Result OnLine
  3. Post Code Maps
  4. Falling Rain
  5. Luftlinie
  6. A' Chomhairle
  7. Douglas Ewart High School
  8. Whithorn Info
  9. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  10. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  11. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  12. Saint Places
  13. NRS
  14. David L Smith, Tales of the Glasgow and South Western Railway, Ian Allan Limited, Lunnainn
  15. A' Chomhairle
  16. LGBC
  17. Climate Data

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 445 405