Johannes Stark

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Johannes Stark
Johannes Stark.jpg
Beatha
Breith Freihung, 15 dhen Ghiblean 1874
Dùthaich  A' Ghearmailt
Bàs Traunstein, 21 dhen Ògmhios 1957
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ludwig Maximilian ann am Munich
Stiùiriche an teusais Eugen von Lommel
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd fiosaigiche agus neach-teagaisg oilthigh
Àitichean-obrach München, Göttingen, Hànobhar, Aachen, Würzburg agus Berlin
Fastaichean Oilthigh Würzburg
Oilthigh Aachen RWTH
Oilthigh Göttingen
Oilthigh Greifswald
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina
Acadamh nan Lincei
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Nàsach

B' e fiosaigiche às a' Ghearmailt a bha ann an Johannes Stark.

Tha e ainmeil airson a thaisgealadh na bhuaidh Stark, far a bheil raon eileagtraig a' toirt buaidh air speactram, agus an taic aige do Nàsaich.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann am Freihung ann am Bayern agus bha e na oileanach ann an Oilthigh Mhünchen, far an do sgrìobh e an tràchdas aige, "Rannsachadh mu feartan fiosaigeach, air leth radharcach, sùith" fo Eugen von Lommel.[1]

Chaidh e na òraidiche aig an Oilthigh Ghöttingen ann an 1900, na ollamh ann an Hànobhar ann an 1906 mar sin Aachen ann an 1909, Greifswald ann an 1917 agus Würzburg ann an 1920. Thug e na cheann-suidhe na Institiud Fiosagach-Teicnigeach Impireil ann an 1933.

B' e Nàsach daingeann a bha ann. Sgrìobh e leabhraichean a' toirt taic don Nàsaich agus còmhla ri Philipp Lenard sàraich e Werner Heisenberg agus dh'ainmich iad dàimheachd "Fiosaigs Iùdhach". Chuir e à dreuchd anti-Nàsaich mar Mhax von Laue agus Iùdhaich nuair a dh'obair e aig an Institiud Fiosagach-Teicnigeach Impireil.

An dèidh don cogadh chaidh binn-prìosain de 4 bliadhna air airson eucoir cogaidh. Ghabh Werner Heisenberg, Max von Laue agus Arnold Sommerfeld fianais an aghaidh Stark.

Urraman[deasaich | deasaich an tùs]

Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1919.[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. https://opacplus.bsb-muenchen.de/metaopac/search?oclcno=162968418
  2. http://www.nobelprize.org/nobel_prizes/physics/laureates/1919/stark-facts.html