Göttingen
Coltas
Göttingen
| |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 51° 32 00' Tuath 09° 56′ 00 Ear | ||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 117.27 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 121,060 (2010) | ||||
| Dlùths | 1,032.32/km² | ||||
| Àireamh fòn | +49 (0)551 | ||||
| Duilleag oifigeil | http://www.goettingen.de | ||||
‘S e baile mòr faisg air Sondershausen ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann an Göttingen (IPA: ˈɡœtɪŋən, Fraingis: Gottingue, Pòlais: Getynga). Chaidh am baile (Gutingi) a chlàradh airson a’ chiad turas ann a 953. Tha e suidhichte aig 154m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-aibhne Leine, anns an stàit Sagsainn Iosail. Tha am baile 261km air falbh bho Bherlin (Prìomh-bhaile na dùthcha), 395km bho Mhünchen, 312km bho Stuttgart agus 94km bho Hànobhar.[2] Tha 121,060 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e 5mh baile na stàite, an 61mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1737. Bho 1807 gu ruige 1813 bha i na pàirt Rìoghachd Westphalen.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Johannes Caselius (1533 – 1613) Breitheamh.
- Leopold Gmelin (1788 – 1853) Ceimigear.
- Robert Bunsen (1811 – 1899) Ceimigear.
- Richard Adolf Zsigmondy (1865 – 1929) , ceimigear às an Ungair, a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1925.
- Alfred Stern (1846 – 1936) Eachdraiche.
- Gunther Hampel (1937) Actair.