Sondershausen
Sondershausen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Kyffhäuserkreis | ||||
Sgìre | Thüringen | ||||
Co-chomharran | 51° 22' 15' Tuath 10° 52' 20' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 200.82 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 21,907 (2013) | ||||
Dlùths | 109.09/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)3632, (0)36020 agus (0)36330 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile meadhanach faisg air Göttingen ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann an Sondershausen. Tha e suidhichte aig 208m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Wipper am broinne na stàite Thüringen. Tha am baile 95km air falbh bho Kassel, 45km bho Erfurt, 105km bho Leipzig agus 217km bho Bherlin.[1] Tha 21,907 duine a' fuireach ann.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Sondershausen a chlàradh airson a’ chiad turais ann an 1125 mar àite a bhuineadh do dhithis easbaig, air an robh Wydego agus Remarus. Thog Gunther XL von Schwarzburg caisteal an seo ann an 1534.[3] Ghabh am baile ris an Ath-Leasachadh ann an 1539.[4] Rinn teine droch mhilleadh air Sondershausen ann an 1621 agus thug a‘ phlàigh buaidh mhòr air ann an 1598, 1613 agus 1621, a bharrachd air tuiltean marbhtach a rinn cron air Sondershausen agus Thüringen air fad ann an 1613.[5] Chuairtich feachdan na Suaine am baile ann an 1639 agus 1640 ri linn Cogadh nan Seachd Bliadhna.[6] B' e prìomh-bhaile na Prionnsalachd Schwarzburg-Sondershausen a bh' ann bho 1697 gu ruige 1918.[7] Chuir an Rìgh Friedrich Wilhelm III às A' Phruis seachad na h-oidhche an seo air 16 an Dàmhair 1806, an dèidh Chath Jena. Chaidh am mèin Kaliwerk Glückauf fhosgladh ann an 1893[8] agus an uair sin an thoisich an companaidh Lindner und Co[9] dealan a dhèanamh ann an 1902. Chaidh mu 360 duine, fireannaich agus boireannaich, air an seasgachadh an aghaidh an toil ri linn nan Nàsach san ospadal anns a’ bhaile eadar 1934 agus 1944. Aig an àm ud bha gearastan an Airm ann cuideachd. Chaidh 181 duine a mharbhadh ann am bomaidearachd air taighean-gnìomhachais aig deireadh an Dàrna Cogaidh agus bha 40% nan taighean anns a' bhaile air am milleadh gu tur.[10] B' e saighdearan às Na Stàitean Aonaichte a chuir ruaig air feachdan Adolf Hitler an seo ach, anns an Iuchar 1945, thug iad Sonderhausen, agus Thüringen air fad, suas dhan Arm Dearg, mar phàirt Chòrdadh Yalta.[11] Chaochail dusan duine agus chaidh 22 eile air an goirteachadh ann an spreadhadh ann am mèin air an robh ann an 1952.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Luft Linie
- ↑ Destatis
- ↑ Schatzkammer
- ↑ Aktuell Meinestadt
- ↑ Thüringische Sintflut vom Jahre 1613, Bericht über die Tätigkeit des Königlich Preußischen Meteorologischen Instituts im Jahre 1912, Behrend & Co. Berlin 1913, S. 21-57 mit Karte.
- ↑ MDSZ
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Hans-Jürgen Schmidt: Die Geschichte der Kaliindustrie in Sondershausen von 1926 bis 1995, Starke Druck, Sondershausen 2007, ISBN 978-3-9811062-1-3.
- ↑ Schneider Electric
- ↑ Sondershausen von Rudolf Zießler. In Schicksale deutscher Baudenkmale im Zweiten Weltkrieg, Hrsg. Götz Eckardt, Henschel-Verlag, Berlin 1978. Band 2, S. 496–497
- ↑ The Latin Library