Kassel

O Uicipeid
Kassel
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Sgìre Hessen
Co-chomharran 51° 19' 00' Tuath
09° 30' 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 106.798 km²
Àireamh-shluaigh 194,087 (2013)
Dlùths 1,817.33/km²
Àireamh fòn +49 (0)561
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile mòr faisg air Göttingen ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann an Kassel (IPA: kasəl, air a sgrìobhadh Cassel gu ruige 1928). Tha e suidhichte aig 167m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Fulda am broinn na stàite Hessen. Tha am baile 95km air falbh bho Sondershausen, 183km bho Köln, 253km bho Leipzig agus 300km bho Bherlin.[1] Tha 194,087 duine a' fuireach ann.[2]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Kassel a chlàradh airson a’ chiad turais ann an 913 mar Chassalla.[3] B' e prìomh-bhaile na Prionnsalachd-taghaidh Hesse-Kassel a bh' ann bho 1803 gu ruige 1866[4] a bharrachd air 1807 gu ruige 1814, nuair a bha e na phrìomh-bhaile Rìoghachd Westphalen.[5]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Abnach Kassel
  4. Almanach de Gotha
  5. Westfälische Geschichte

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]