Prionnsalachd-taghaidh Hesse-Kassel
| Prionnsalachd-taghaidh Hesse-Kassel Kufürstentum Hessen-Kassel | ||||||||
| ||||||||
| Mapa | ||||||||
| Fiosrachadh | ||||||||
| Bliadhna Tòiseachaidh | 1803 | |||||||
| Bliadhna mu Dheireadh | 1866 | |||||||
| Prìomh-Bhaile | Kassel | |||||||
| Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
| Farsaingeachd | 9,581 km2 | |||||||
| Àireamh-shluaigh | 745,063 (1864) | |||||||
| Dlùths | 77.76/km2 | |||||||
B’ e dùthaich mheadhanach[1] aig an robh pìosan fearainn beaga air an sgaoileadh air feadh na Gearmailt agus a mhair bho 1803 gu ruige 1866 a bh’ anns A' Phrionnsalachd-taghaidh Hessen-Kassel (Gearmailtis: Kurfürstentum Hessen-Kassel). B’ e Kassel a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha[2] agus b' e an Teaghlach Lorraine-Brabant a bha os a cionn.[3] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1803 nuair a dh' àrdaich an Diùcachd Hesse-Kassel gu Phrionnsalachd-taghaidh, nuair a bha Napoleon Bonaparte a' feuchainn ri atharrachaidhean mòra a dhèanamh air structair phoileataigeach na Gearmailt,[4] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Ghabh Rìoghachd Westphalen (a bha na ball a thaobh Co-chaidreachas na Rèine) os làimh Hessen-Kassel an dèidh Chòradh Tilsit ann an 1807 gu ruige crìoch Westphalen ann an 1814. Chaidh Hessen-Kassel a leasachadh nuair sgaradh Prionnsalachd Isenburg eadar Hessel-Kassel agus Àrd-Dhiùcachd Hesse.[5] Chaidh Hesse-Kassel a thoirt a-steach dhan Phruis ann an 1866.