Henri Becquerel
B' e fiosaigiche às an Fhraing a bha ann an Henri Becquerel. Tha e ainmeil airson a thaisgealadh rèidhidheachd bheò.
Beatha[deasaich | deasaich an tùs]
Rugadh e ann am Paris agus chaidh e na oileanach aig an École Polytechnique ann an 1872. Rannsaich e buaidh na raointean magnaiteach air solas, pòlarachd solais agus caoir-bianag ach fhuair e an dotaireachd aige ann an 1888 airson a theusais mu dheidhinn sùghachd sholais aig criostalan neo-iosatròpach.[1]
Ann an 1896 lorg e rèidhidheachd bheò nuair a rannsaich e fluaraiseachd ann an salainn de uranium.[2] Dhearbhaich e gu bheil an rèidhidheachd seo a' tighinn à gach salann de uranium, gur urrainn dhuibh gasaichean idheonachadh agus gur urrainn do raointean magnaiteach an slighean ath-threòrachadh agus mar-sin rinn e sgaradh eadar na gathan seo agus gathan-X.
Urraman[deasaich | deasaich an tùs]
Ann an 1903 bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs còmhla ri Marie Curie agus Pierre Curie.[3] Taghadh e mar bhall Acadamaidh nan Saidheansan ann an 1889, aon bliadhna an dèidh don dotaireachd aige. Dh'ainmicheadh aonad rèidhidheachd le samhla Bq is cruinn-shlocan air a' Ghealaich agus Cuirg air.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Basdevant, Jean-Louis: “Henri Becquerel, un Polytechnicien dans l'Histoire” (Fraingis). La Jaune et La Rouge: Revue Mensuelle de l'Association des Anciens Élévés et Diplômés de l'École Polytechnique. Air a thogail 9mh dhen Dàmhair 2016.
- ↑ Becquerel, Henri: “Sur les radiations invisibles émises par les corps phosphorescents” (Fraingis). Bibnum. Air a thogail 9mh dhen Dàmhair 2016.
- ↑ “Henri Becquerel - Facts”. Fonndas Nobel. Air a thogail 9mh dhen Dàmhair 2016.