Kip Thorne
Jump to navigation
Jump to search
'S e fiosaigiche às na Stàitean Aonaichte a tha ann an Kip Thorne.
Tha e ainmeil airson na h-obrach aige mu dheidhinn dàimheachd choitchinn. Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs air a son còmhla ri Rainer Weiss agus Barry Barish,[1] agus bha e na neach-comhairle air an fhilm Interstellar anns an robh toll dubh cudromach.[2]
Rugadh e ann an Logan, Utah ann an 1940. Bha e na oileanach aig Caltech agus Oilthigh Phrinceton far an do sgrìobh e a thràchdas. Chaidh e na ollamh aig Caltech ann an 1970, agus na ollamh Feynman ann am fiosaigs teòirigeach ann an 1991. O 2009 tha e na ollamh air foghnadh.[3]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ “The Nobel Prize in Physics 2017”. Nobel Media AB. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ Clery, Daniel: “Physicist who inspired Interstellar spills the backstory—and the scene that makes him cringe”, Science. 6mh dhen t-Samhain 2014. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “Kip S. Thorne: Curriculum Vitae”. Caltech. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2017.