Roger Penrose
'S e matamataigear à Sasainn a tha ann an Roger Penrose. Rugadh e ann an Colchester 8 an Lùnastal 1931 ach chuir a theaghlach an cogadh seachad ann an Canada. Thill iad gu Sasainn agus dh'ionnsaich e matamataig aig Colaiste Oilthigh Lunnainn is sgrìobh e a thràchdas aig Oilthigh Chambridge far an do dh'obraich e air ailseabra loidhneach. Mhìnich e mùiteach nas coitchinne airson meatragsan. Dh'obraich e an sin aig Colaiste Bhedford Lunnainn agus a-rithist ann an Cambridge. Ann an 1959 chuir e dà bhliadhna seachad anns na Stàitean Aonaichte is sgrìobh e aistean mu dhàimheachd choitcheann. Chaidh e na ollamh Rouse Ball aig Oilthigh Oxford ann an 1973. Lorg e pàtran leacach, am pàtran leacach Penrose, nach e ath-thriallach ach a lìonas spàs. Tha e cuideachd an sàs ann an saidheans poblach, mar eisimpleir ann an leabhraichean mar The Emperor's New Mind (1989) is Shadows of the Mind (1994).[1]
Connspaid[deasaich | deasaich an tùs]
Dh'iarr Penrose agus a chompanaidh Pentaplex òrdugh-bacaidh an aghaidh Kimberley-Clark air sgàth 's gun do chleachd iad am pàtran leacach Penrose airson pàipear an taighe-bhig.[2]
Urraman[deasaich | deasaich an tùs]
Chaidh a thaghadh mar bhall dhen Comann Rìoghail ann an 1972 is chaidh na ridire ann an 1994.[3] Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 2020 còmhla ri Andrea Ghez agus Reinhard Genzel airson na h-obrach aca air tuill-dhubha.[4]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ O'Connor, J J ⁊ Robertson, E F (An t-Sultain 2009): “Roger Penrose”. MacTutor History of Mathematics Archive. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 7mh dhen Dàmhair 2020.
- ↑ “Kleenex art that ended in tears”. 12mh dhen Ghiblean 1997. Air a thogail 8mh dhen Dàmhair 2020.
- ↑ “Roger Penrose”. Comann Rìoghail. Air a thogail 7mh dhen Dàmhair 2020.
- ↑ “Roger Penrose - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 7mh dhen Dàmhair 2020.