Wilhelm Conrad Röntgen
Jump to navigation
Jump to search
B' e fiosaigiche Gearmailteach a bha ann am Wilhelm Conrad Röntgen.
Tha e ainmeil airson an taisgealadh gathan-X aige.
Eachdraidh-beatha[deasaich | deasaich an tùs]
Rugadh e ann an Lennep, faisg air Düsseldorf. Bha e na oileanach aig an ETH ann an Zürich agus chaidh e na òraidiche aig an Oilthigh Strasbourg ann an 1874. An dèidh do dhreuchdan ann an Hohenheim, Giessen agus Strasbourg a-rithist, chaidh e na ollamh aig an Oilthigh Würzburg ann an 1888, far an do lorg e gathan-X. Ann an 1890 chaidh e na ollamh aig an Oilthigh Mhünchen.
Urraman[deasaich | deasaich an tùs]
Bhuannaich e a' chiad Dhuais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1901 is thug e an airgead don Oilthigh Mhünchen.[1] Chaidh an eileamaid roentgenium ainmicheadh air.[2]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ “Wilhelm Conrad Röntgen - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ Corish, J. ⁊ Rosenblatt, G. M. (2004): “Name and symbol of the element with atomic number 111 (IUPAC Recommendations 2004),” ann an: Pure Appl. Chem., leabhar 76, td. 2101–2103. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.