Enrico Fermi
B' e fiosaigiche às an Eadailt a bha ann an Enrico Fermi.
Tha e ainmeil airson, mar eisimpleir, na h-obrach aige air fisein niùclasach, na fhrith-bharaile Fermi agus stadastaig Fermi–Dirac.
Beatha[deasaich | deasaich an tùs]
Rugadh e anns an Ròimh agus dh'ionnsaich e fiosaigs aig Oilthigh Phisa far an do sgrìobh e an tràchdas aige. Dh'obair e còmhla ri Max Born aig Oilthigh Ghöttingen agus còmhla ri Paul Ehrenfest aig Oilthigh Leyden. Chaidh e na ollamh ann an 1927 aig Oilthigh na Ròimhe, far an do dh'obair e gus 1938 nuair a dh'eilthirich e gu na Stàitean Aonaichte agus chaidh e na ollamh aig Oilthigh Cholumbia. Dh'obair e air a' Phròiseact Mhanhattan agus thog e agus an sgioba aige a' chiad readhactar niùclasach ann an Chicago ann an 1942. Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Chicago ann an 1946.[1]
Urraman[deasaich | deasaich an tùs]
Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1938 airson na h-obrach aige air niùtronan agus eileamaidean rèidio-bheò ùra.[2] Dh'ainmicheadh fermium agus fermionan air.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ “Enrico Fermi - Biographical” (Beurla). Fonndas Nobel. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2016.
- ↑ “The Nobel Prize in Physics 1938” (Beurla). Fonndas Nobel. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2016.