Gerardus 't Hooft
'S e eòlaiche-fiosaig às na Tìrean Ìsle a th' ann an Gerardus 't Hooft (IPA: ɣeːrɑrt ət ˈɦoːft, Den Helder 5 an t-Iuchar 1946).[1]
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]B' e innleadair-mara a bh' ann athair agus uidh làidir aig a mhàthair ann am fiosaig, rud a tha a' ruith san fhuil. Tha e posta aig Albertha Anje Schik agus tha triuir clann-nighean aca. Bhuannaich Frits Zernike, bràthair a' mhàthar, an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1953 cuideachd.[2]
Thug e ceum ann am fiosaig, aig Oilthigh Utrecht ann an 1969, far an robh bràthair athar na ollamh. Thòisich e dotaireachd an aon bhliadhna air teòiridhean Yang-Mills fo Martinus Veltman agus dh'fhoillsich e torraidhean a chuid rannsachaidh ann an 1971.[3] Chuir e seachad corra bhliadhna thall thairis is e na rannsachair aig CERN ann an Geneva agus an uair sin aig Oilthigh Harvard. Thill e gu Utrecht ann an 1978, an uair sin na ollamh aig dìreach 38 bliadhna a dh'aois.
Urraman
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs còmhla ri Martinus Veltman ann an 1999 airson an cuid obrach air structar cuantam nan eadar-obraichean eileagtronaiceach lag.[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ NNDB
- ↑ RUG
- ↑ 't Hooft, G. . (1971). "Renormalization of massless Yang-Mills fields". Nuclear Physics B. 33: 173–177. Bibcode:1971NuPhB..33..173T. doi:10.1016/0550-3213(71)90395-6.
- ↑ Duais Nobel