Antony Hewish

O Uicipeid
Antony Hewish
Beatha
Ainm slàn Antony Hewish
Breith Fowydh, 11 dhen Chèitean 1924
Dùthaich  A' Chòrn
Bàs 13 dhen t-Sultain 2021
Foghlam
Foghlam Gonville and Caius College (en) Translate
Oilthigh Chambridge
King's College (en) Translate
Oileanaich dotaireachd Jocelyn Bell Burnell
Peter Duffett-Smith (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd reul-eòlaiche, reul-fhiosaigiche, fiosaigiche agus neach-teagaisg oilthigh
Fastaichean Cavendish Laboratory (en) Translate
Oilthigh Yale
Mullard Radio Astronomy Observatory (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Acadamh Innseanach Nàiseanta nan Saidheansan
Academia Europaea
Koninklijke Vlaamse Academie van België voor Wetenschappen en Kunsten (en) Translate

'S e reul-eòlaiche, reul-fhiosaigiche agus fiosaigiche às a' Chòrn a tha ann an Antony Hewish. Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1974 còmhla ri Martin Ryle airson na h-obrach aige còmhla ri Jocelyn Bell Burnell.[1] Rugadh e ann am Fowey ann an 1924. Bha e na oileanach aig Oilthigh Chambridge agus sgrìobh e an tràchdas aige air The fluctuations of galactic radio waves ('Luaisgeachdan tuinn rèidio an reul-chrios') an sin fo Mhartin Ryle.[2] Bha e ag obair còmhla ri Martin Ryle is e ga chuideachd le iadhairean airson reul-eòlas rèidio a thogail[3] is iad a' cleachdadh co-chur fosglaidh, dòigh anns a bheil dà theileasgoip ag obair ri chèile airson teileasgop brìgheil a tha mòran nas motha a chruthachadh.[4] Chaidh e na ollamh reul-eòlas rèidio ann an 1981 is stiùir e an t-Amharc-lann Rèidio Mullard eadar 1982 is 1988.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Antony Hewish - Facts”. Fonndas Nobel. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2017.
  2. Hewish, Antony: “The fluctuations of galactic radio waves”. Oilthigh Chambridge. Air a thogail 14mh dhen Chèitean 2017.
  3. 3.0 3.1 Laureate - Antony Hewish”. Council for the Lindau Nobel Laureate Meetings/Foundation Lindau Nobel Laureate Meetings. Air a thogail 10mh dhen Chèitean 2020.
  4. McKay, D. J. ⁊ McKay, N. P. F. (10mh dhen t-Sultain 1997): “V.R.I. - Virtual Radio Interferometer”. Jodrell Bank. Air a thogail 10mh dhen Chèitean 2020.