Johannes Diderik van der Waals

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Johannes Diderik van der Waals
Van der Waals.jpg
Beatha
Breith Leiden, 23 dhen t-Samhain 1837
Dùthaich  Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
Ciad chànan Duitsis
Bàs Amsterdam, 8 dhen Mhàrt 1923
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Leiden
Stiùiriche an teusais Pieter Rijke
Oileanaich dotaireachd Willem Hendrik Keesom
Cànain Duitsis
Dreuchd
Dreuchd fiosaigiche, ceimigear, neach-teagaisg oilthigh, matamataigear agus fiosaigiche teòirigeach
Fastaichean Oilthigh Amsterdam
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan
Acadamh Phruiseach nan Saidheansan
Comann Aimeireaganach na Feallsanachd

B' e neach-teagaisg agus eòlaiche-fiosaig às na Tìrean Ìsle a bh' ann am Johannes Diderik van der Waals (IPA: joːˈɦɑnəz ˈdidəˌrɪk fɑn dɛr ˈʋaːls, Leiden, 23 an t-Samhain 1837 - Amsterdam, 8 am Màrt 1923).[1]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann an teaghlach macanta bochd agus b' e saor a bh' ann athair, Jacobus van der Waals. Phòs van der Waals aig a bhean Anna Magdalena Smit (1847 - 1881) ann an 1865 agus rug i triùir clann-nighean agus mac dha aca. Bha a nighean Jacqueline Elisabeth van der Waals (1868 - 1922) na bàrd agus bha a mhac Johannes Diderik van der Waals (1873 - 1971) na eòlaiche-fiosaig cuideachd. Tha ogha, Christopher D. Vanderwal, na ollamh ann an ceimigeachd aig Oilthigh Chalifornia.[2]

Thoisich e fiosaig ionnsachadh aig Oilthigh Leiden ann an 1862 agus thug e ceum an seo ann an 1865. Fhuair e a dhotaireachd ann an 1873, nuair a bha e 36, leis gu robh e na thidsear an siud an seo ann an Deventer agus Den Haag. Rinn e torr rannsachadh gus a leugh James Clerk Maxwell a chuid obrach. Ghluais e gu Amsterdam, far an robh e na ollamh ann am fiosaig san oilthigh bho 1877 gu ruige 1908. B' e a mhac fhèin a bha na neach-ionaid.

Urraman[deasaich | deasaich an tùs]

Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1910 airson a chuid obrach air co-aontaran stàite ann an gasaichean.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. NNDB
  2. UCI
  3. Duais Nobel