Aachen

O Uicipeid

Co-chomharran: 50°47′00″N 6°05′00″E / 50.783333°N 6.083333°E / 50.783333; 6.083333

Aachen
Oche
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Nordrhein-Westfalen
Sgìre Städteregion Aachen
Co-chomharran 50° 46' 36' T
06° 05' 01' E
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 160.85 km²
Àireamh-shluaigh 241,683 (2013)
Dlùths 1,502.54/km²
Àireamh fòn +49 0241, 02403, 02405, 02407 agus 02408
Duilleag oifigeil A'Chomhairle

'S e baile anns a' Ghearmailt a th' ann an Aachen (Ainm slàn Bad Aachen,[1] Öcher Platt/Dual-chainnt Aachen: Oche). Tha e suidhichte ann an taobh an iar na Ghearmailte, far a bheil crìochan na Gearmailte, nan Tìrean Ìsle agus na Beilg a' coinneachadh. 'S e spatha a th' ann. Thàinig an t-ainm Aachen bhon fhreumh-fhacal Ghearmaineach "ahwō" agus tha e a' ciallachadh "uisge". B' e "Aquisgranum" an t-ainm Ròmanach a bh' air: "Uisge na Grannois".[2] B' e dia Ceilteach na leighis a bha ann an Grannos. Tha tobraichean tethe ann an Aachen.[3] Tha cumhachdan leighis aca.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Bha a' chiad àite-fuirich ann an Linn ùr na Cloiche. Bha mèinnearachd Ceilteach ann an Linn an Umha an seo. Thog na Ròmanaich àite-failcidh air na tobraichean teasach. An ceann na 8mh linne thàg rìgh Teàrlach Mòr Aachen airson an rath a b' fheàrr aige. Thog e cille, "Pfalzkapelle" agus pàlas impireil. An-diugh tha talla a' bhaile ann an àite a' phàlais agus tha am "Pfalzkapelle" pàirt na h-àrd eaglaise "Aachener Dom".[4] Fhuair Teàrlach Mòr taise à Ierusalem agus tha taistealachd ainmeil "Heiligtumsfahrt" ann an Aachen ann a h-uile seachdamh bliadhna.[5] Tha an "Aachener Dom" air Liosta Làrach Dhualchas na Cruinne.

Aachen an-diugh[deasaich | deasaich an tùs]

Bidh duais "Karlspreis" ann airson a' chuid obrach ro aonachd na Roinn-Eòrpa a h-uile bliadhna deasghabhail ann an talla a' bhaile.[6] 'S e "RWTH Aachen" an t-oilthigh cliùiteach ann an Aachen.[7] Bidh co-fharpais eadar-nàiseanta airson marcadh "CHIO Aachen" a' tachairt a h-uile samhradh.[8] 'S e Alemannia Aachen a th' ann sgioba ball-coise a' bhaile.[9] Tha an raon aca Tivoli ri taobh an raoin CHIO anns a' cheàrn Soers

Ainm a' bhaile ann an cànanan eile[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a' cleachdadh tòrr dhreach an ainm anns na dùthchannan air iomall na Gearmailte, mar a leanas:

Cànan Ainm IPA
Gearmailtis Aachen [ˈaːxən]
Fraingis Aix-la-Chapelle [ˌɛkslaʃaˈpɛl]
Laideann Aquae Granni, Aquisgranum[10]
Spàinntis Aquisgrán [akizˈɣɾan]
Lucsamburgais Oochen [ˈɔːxən]
Duitsis Aken [ˈaːkən]
Seacais Cáchy [t͡saxɪ]
Pòlais Akwizgran [aˈkfʲizɡrãn]
Eadailtis Aquisgrana akwizˈɡraːna
Ruisis Ахен

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Dual-chainnt[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Öcher Platt a tha ann an dual-chainnt Aachen. 'S e cànan Ripuarach a th' innte. Tha mòran òranan dualchasach traidiseanta anns an Öcher Platt, m.e. an "laoidh" neo-oifigeil Aachen, "Vür sönd allemoele Öcher Jonge" [11] ('S e bàlaichean Aachen a th' annainn uile gu léir).

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Gesetzliche Grundlage: Staatliche Anerkennung von Kurorten - Aachen (Monheimsallee und Burtscheid) - Erlass des Ministers für Arbeit, Gesundheit und Soziales vom 12. September 1974 — VI B 3 — 56.01.01, Andrea Herch: Bad Aachen. In: Werner Käß und Hanna Käß (Hrsg.): Deutsches Bäderbuch, Gebrüder Borntraeger Verlag, 2008, ISBN 3-510-65241-X, S.207.
  2. Thomas Urso (1990). Toponomastica Bibliografica. Guida ai nomi dei luoghi di stampa fino al 1799. Florentiae: Leo S. Olschki Editore; p. 21.
  3. Carolus Thermen
  4. Aachendom
  5. Heiligtumsfahrt
  6. Karlspreis
  7. Oilthigh RWTH Aachen
  8. CHIO
  9. Alemannia Aachen
  10. Aquisgranum
  11. Meinolf Buschulte, Richard Wollgarten: Öcher Liederbuch. Öcher Platt e.V. Aachen, 2009

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: