Aachener Dom

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Co-chomharran: 50°46′29″N 6°05′02″E / 50.774694°N 6.083889°E / 50.774694; 6.083889


Aachener Dom
Rìgh-càthair Aachener Dom
Crùn-choinnlear Barbarossa

'S e àrd-eaglais ann an meadhan-bhaile Aachen a th' ann an Aachener Dom. 'S e eaglais easbaige a th' innte agus tha i coisrigte ris a' Mhoire Mhàthair. Tha i air Liosta Làrach Dhualchas na Cruinne.

Togalach[deasaich | deasaich an tùs]

Bha spatha agus teampall Apollo Ghrannois ann an àite na h-àrd-eaglaise gus an 5mh linn. An uair sin chaidh cill bheag a thogail airson Mhoire Mhàthair an sin. Aig deireadh na 8mh linne thàg rìgh Teàrlach Mòr Aachen airson an ràtha a b' fheàrr aige. Thog e am "Pfalzkapelle" (cill ràtha) anns dearbh àite far an robh a' chill bheag roimhe sin. Chan eilear cinnteach cuin a thoisicheadh togail is dòcha eadar 786 agus 794, ach is cinnteach gun deach a' chlach-bhuinn a' chur air bhonn ann an 796. Thog Teàrlach an "Oktogon" (ochdamhach) agus cliath an iar a-mhàin, ach chaidh ionad-ciùil a' chur an ceann na 14mh linne. Bha e deiseil ann an 1414. Canar "Glashaus von Aachen" (taigh-glainne an Aachen) air sgàth 's na h-uinneagan dathach iomadach. Tha dà dhoras mòr ann an umha aig cliath an iar, 's e "Doras Faoil" an t-ainm a th' orra. Tha làmhan nan dorsan aca sgeadaichte mar ceann leòmhainn. Tha sgeulachd ag innse gun do chuidich an diabhal togail na h-eaglaise agus gur e òrdag an diabhail a th' ann ann an craos an leòmhainn deise.

Taobh a-staigh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an rìgh-càthair de dh'fhiodh agus mharmor ann an ciad gailearaidh an Oktogon. Chunnaic an t-impire bhon an seo an altair agus broinn na h-eaglais air fad.

Tha dà sgrìn sgèimhichte anns an ionad-ciùil. Tha cnaidhneach na impire ann an "Karlsschrein" (sgrìn Thearlaich) agus tha ceithir taise ann an "Marienschrein" (sgrìn Mhoire): Barran is iall na leasraidh Ìosa, aodach Mhoire agus clò dì-cheannaidh Eòin Baistidh. Fhuair Teàrlach Mòr iad à Ierusalem agus tha taistealachd ainmeil "Heiligtumsfahrt" ann an Aachen ann a h-uile seachdamh bliadhna.

Tha crùn-choinnlear Bharbarossa a' crochadh bho mhullach an Oktogon. 'S e iomhaigh Ierusalaim nèamhail a th' ann.

Roinn àrd-eaglaise[deasaich | deasaich an tùs]

Tha talla a' bhaile mu choinneimh na h-àrd-eaglaise ri taobh an tuath. Bha e na phàirt de phàlais impireil Theàrlaich Mhòir. Tha taigh-tasgaidh na h-ard-eaglaise "Domschatzkammer" ri taobh an iar, far a bheil m. e. bùinne Theàrlaich anns a bheil taise a chinn.

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

Roth, Hans Jürgen: Haus zweier Welten. Mönchengladbach 1999 ISBN 3874482030

Maas, Walter und Siebigs, Pit: Der Aachener Dom. Köln 2001 ISBN 3774303258

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: