Baile na h-Ùige
Baile na h-Ùige | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Baile na h-Ùige fhèin[1] |
Co-chomharran | 54° 52′ 00″ Tuath 04° 27′ 00″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX 433 553 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 987 (2001[2]) |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[3] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Blaidneach, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile na h-Ùige neo Uigtan (Beurla: Wigtown, Beurla Ghallta: Wigtoun). Tha e suidhichte aig ìre na mara,[4] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Cille Chainneir, ri taobh na h-aibhne Blaidneach,[5] far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh aig Bàgh Chrìch. Tha e 293km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 58km bho Dhùn Phris agus 145km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Baile na h-Ùige. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd, coilltearachd agus leabhraichean. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6] Tha Baile na h-Ùige ainmeil mar "Baile nan Leabhraichean Nàiseanta". Tha an gnìomhachas a tha ceangailte ris an leabhraichean gu math cudthromaich airson a' bhaile. Tha e a' gabhail a-steach nas motha na 20 bùth-leabhraichean agus foillsichearan. Tha fèis leabhraichean Baile na h-Ùige as t-fhoghar agus tachartas nas lugha anns a' Cheitean.[7]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à wyc (bàgh ann an Lochlannais) agus tun (baile ann an seann Bheurla) a tha an t-ainm.[8] Bheireadh sin Baile a' Bhàigh dhuinn sa' Ghàidhlig an latha an-diugh.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Baile na h-Ùige a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1296 mar Wyggeton. B' àbhaist dha a bhith na bhaile-shiorrachd. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam,[9] Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm The Wicker Man fhilmeadh an seo ann an 1973.[10]
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Bhaile na h-Ùige a bhuineas Baile na h-Ùige, a ghabhas a-steach Barrachan, Blaidneach, Cille Chainneir agus Whauphill. Tha 2,200 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla na Comhairle, ann am Baile na h-Ùige. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[12]
Gnàth-shìde
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.3 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1127mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Baile na h-Ùige. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Baile na h-Ùige.[13] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 62mm eadar an Giblean (dìreach 64mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (126mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.8 °C.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
- 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[14]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Arcgis
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Falling Rain
- ↑ Andrew Symson, A large description of Galloway, 1823, W. and C. Tait, duilleag 94
- ↑ “Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ “Wigtown Booktown”. Association of Wigtown Booksellers. Air a thogail 9mh dhen Dàmhair 2024.
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ NRS
- ↑ Movie Locations
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Climate Data
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- MacLeòid, Calum: “Fèis Leabhraichean Wigtown”, Naidheachdan a' BhBC. 7mh dhen Dàmhair 2024. Air a thogail 9mh dhen Dàmhair 2024.
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn