Jump to content

An Eilreig

O Uicipeid
An Eilreig

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Am Magh Crom[1]
Co-chomharran 54° 57′ 45″ Tuath
04° 36′ 42″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns An Eilreig (Beurla/Beurla Ghallta: Elrig). Tha e suidhichte aig 65 m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Am Magh Crom agus Achadh na Meilge. Tha e 305 km air falbh bho Obar Dheathain, 121 km bho Ghlaschu, 71 km bho Dhùn Phrìs agus 157 km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns An Eilreig. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann an Cill na Tràghad[5] agus dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6] Tha baile eile ann dusan cilemeatair a-mach à Obar Dheathain leis an aon ainm.

Is e Elrig àite breith an ùghdair agus eòlaiche nàdair Gavin Maxwell, a rugadh aig Taigh Elrig. Chaidh an taigh a thogail ann an 1912 airson a phàrantan Aymer agus a ’Bhean Uasal Mary Maxwell leis na h-ailtirean Iain Stiùbhart & Seòras MacPheadrais. Tha aithris air òige na òige ann an Taigh Elrig, a chaidh fhoillseachadh ann an 1965. An taigh agus na gàrraidhean aige tha oighreachd teaghlaich prìobhaideach gun ruigsinneachd poblac.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Eilreig anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad a bhuineas An Eilreig, a ghabhas a-steach Barrachan, Cill na Tràghad, Am Magh Crom agus Am Monadh Rèidh cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[9]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.[10]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Elevation Map[dead link]
  4. Distance from to
  5. A' Chomhairle
  6. Douglas Ewart High School[dead link]
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. A' Chomhairle
  9. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  10. Còmhdhail na Comhairle