Jump to content

Gàidhlig

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Gàidhlig Àrsaidh)
Gàidhlig
Fuaimneachadh [kaːlɪkʲ]
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

69,701 ann an Alba [1]
2,000 ann an Alba Nuadh [2]
1,610 anns na Stàitean Aonaichte [3]
822 ann an Astràilia [4]
669 ann an Sealainn Nuadh [5]

Teaghlach-chànan

Ind-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil Alba
Còdan Cànan
ISO 639-1 gd
ISO 639-2 gla
ISO 639-3 gla

'S i cànan dùthchasach na h-Alba a th' anns a' Ghàidhlig. 'S i ball den teaghlach de chànanan Ceilteach dhen mheur Ghoidhealach a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goidhealach a' gabhail a-steach na cànanan Gàidhealach gu lèir; Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig Mhanainn, agus Gàidhlig agus gu dearbh chan eil anns an fhacal "Goidhealach" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh "Gàidhealach".

Tha mu 69,701 ga bruidhinn ann an Alba a rèir Cunntas na h-Alba 2022.[6]

Teaghlach Cànain

Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bhon t-Seann-Ghàidhlig a bhathar a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna – an cànan ris an canar "Old Irish" mar is trice anns a' Bheurla ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimsich. Ann an Alba canar "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhàin ris a' chànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am Beurla na h-Alba oir tha ciall an dara fhacail seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh na Beurla Ghallda ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans", agus "Doric" anns a chainnt fhèin.

'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na Gàidheil agus tha ceangail daingeann aice ri Gàidhlig na h-Èireann. Ge-tà, tha àite fhathast aig a' Ghàidhlig ann an dualchas na h-Alba agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromaich aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha. Ach cuiridh feadhainn eile dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach air a' Ghaidhealtachd agus ann an Innse Gall.

Eachdraidh

Tòiseachadh

Tha an duilleag 5r teacsa an t-Soisgeil a Rèir Mhata anns a’ Ghàidhlig.

'S e cànan eachdraidheil do chuid mhòr de dh'Alba a th' anns a' Ghàidhlig agus is ann air na seann Ghàidheal, air an tug na Ròmanaich "Scotti" san Laideann, a chaidh Alba ainmeachadh mar "Scotia" no "Scotland" anns a' chànan Ghallta. Chan eilear cinnteach air dè cho fada 's a tha eachdraidh na Gàidhlig ann am Breatainn a tuath ach tha fianais ann bho ainmean-àite gun tàinig luchd-àiteachaidh Gàidhealach gu math tràth agus ann am mòr-àireamh do na Rannaibh ann an Gall-Ghàidhealaibh mus robh rìoghachd Dhál Riata air a stèidheachadh timcheall 500 AD.[7]

Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga bruidhinn ann an Alba fad còrr is 1500 bliadhna, bhon a thugar a-nall à Èirinn i le na fògarraich a thathaich ann an Dail Riata, mòr-thir cuimseach far a bheil Earra-Ghàidheal an-diugh. Bhon toiseach seo, sgaoil a’ Ghàidhlig a-mach tron mhòr chuid dhen dùthaich agus gu Innse Gall, a gabhail àite nan Cruithneach agus nan treubhan Ceilteach eile a bha san tìr. Cha do dh’fhuirich taobh a-muigh "Alba Ghàidhealach" seo ach a-mhàin Gallaibh, fìor earra dheas na dùthcha, agus na h-eileanan aig tuath. Le sin, feumaidh gun deach a’ Ghàidhlig a bhruidhinn, sa mhòr-chuid na dùthcha agus tha i air dìleab fhàgail ann an ainmean-àite na dùthcha.

Le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm na 4mh linne, agus e a' dèanamh ceangail eadar an seann roinn de dh'Ulaidh ann an taobh a tuath na h-Éireann agus taobh siar na h-Alba, dh' fhàs cumhachd agus sgaoil na Gàidhlig agus bha buaidh mhòr aig an eaglais Ghàidhealaich air a' chànan, agus i a' sìneadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn anns na Gall-Ghàidhealaibh mun 5mh no 6mh linn. An dèidh greis ghabh a' Ghàidhlig àite cànan nan Cruithneach gu tuath an Uisge For agus cho fadalach ris an 15mh linn, b' e Scottis an t-ainm a bha orra anns a' Bheurla.

San naoidheamh linn às dèidh bhreith Chrìosda, bha ceannard nan Gàidheal, Coinneach MacAilpein air na Cruithnich agus na Gàidheil a thoirt còmhla agus bha e mar a’ chiad riaghladair air Alba, mòr-raon a bha a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de dh’ Alba tuath air aibhnichean Fhoirthe agus Chluaidh. Chun an latha an-diugh cleachdar an t-ainm Alba airson na dùthcha air fad.

Crìonadh na Gàidhlig

Ainmean-àite ann an Alba leis an ealamaid BAL- bho 'baile'. Tha na dàta seo a' toirt beachd dhuinn air dè cho farsaing 's a bha tuineachadh nan Gàidheal aig àrd an neart ann an Alba

Bha a’ Ghàidhlig aig a h-àrd ìre san 11mh linn. Ach nuair a phòs Máel Coluim III (Maol-Chaluim Ceann Mòr) Margaret ann an 1071, b’ i a’ Bheurla cànan a chùirt, agus thòisich crìonadh na Gàidhlig bhon sin. Bha cùisean air an dèanamh nas miosa leis a’ gheur-leanmhainn a rinneadh air a Ghàidhlig, le mì-leasan malairteach agus le daoine a’ tighinn a-staigh as ùr. Tha e coltach ge-tà gun robh an sluagh fhathast a' bruidhinn na Gàidhlig gu 1400.

Mun àm seo, thòisich an cànan a' fàs diofraichte bho Ghàidhlig na h-Èireann.

Thòisich a' Ghàidhlig a' crìonadh air tìr-mhór na h-Alba mu thoiseach na 13mh linn agus leis a-seo thòisich i a bhith a' call a h-inbhe mar chànan nàiseanta. Mu thoiseach na 15mh linn bha sgeul air tighinn Mì rùn mòr nan Gall agus cò-strì eadar na h-Albannaich Ghàidhealach agus na h-Albannaich Ghallda. Ged a bhàsaich a' Ghàidhlig anns a' chuid as motha den Ghalldachd bha i fhathast ga bruidhinn ann am pàirtean, Charraig agus na Gall-Ghàidhealaibh nam measg, cho fadalach ris an 18mh linn.

Ann am bliadhnaichean tràtha an 16mh linn, dh' atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidhinn de dhual-chainntean a dh' fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn Rìoghachd na h-Alba). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin.

Sgùrr Alasdair, a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha iomadh beinn ann an Alba air a bheil ainm Gàidhlig.

Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gàidheal an dèidh Blàr Chuil Lodair an 1746. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge (SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' leasachadh muinntir na Gàidhealtachd. Bhon a sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth Fuadaichean na Gàidhealtachd.

B’ e cunntas-sluaigh 1891 a’ chiad fhear a chunnt àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus chaidh 210,000 a chlàradh ann an Alba aig an àm sin. Ach bha imrich air falbh bhon Ghàidhealtachd, foghlam sa Bheurla agus buaidh nam meadhanan Gallda a’ ciallachadh gun robh a’ Ghàidhlig a’ sìor-chrìonadh tron fhicheadamh linn. Sa chunntas-sluaigh ann an 1991, cha robh ach 65,000 air an clàradh mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig, an treas cuid de na bha ann ceud bliadhna ma bu tràithe. Thuit an àireamh a-rithist a rèir nan cunntasan ann an 2001 agus 2011 ach a rèir Cunntas na h-Alba 2022 bhruidhnich 69,701 Gàidhlig agus bha comas air choireigin aig 130,161.[6]

Cultar

Faic cuideachd Bàird Ghàidhlig, Seachd, Ealain, Ceòl Gàidhlig

Tha beul-aithris agus dualchas litreachais làidir aig a' Ghàidhlig agus i air a cleachdadh mar chànan nam bàrd fad linntean. Tha ceòl tradaiseanta Gàidhealach air fàs nas coileanta bho na 60an, agus tha barrachd is barrachd phàrantan a' togail an cuid cloinne tro mheadhan na Gàidhlig.

Na Meadhanan

Tha stèisean Gàidhlig aig a' BhBC, a sgaoileas cuideachd còmhla ris a' Ghàidhlig Èireannach Raidió na Gaeltachta. Tha prògraman Gàidhlig air an telebhisean air an sgaoileadh leis a' BhBC cuideachd, air a bheil fo-thiotalan Beurla. Nì STV (pàirt Albannach aig ITV) cuid prògraman Gàidhlig air a shon fhèin agus don BhBC. Tha e comasach do dhaoine le Freeview TeleG fhaighinn, a sgaoileas fad uair a thìde gach feasgar.

Thòisich seanail ùr digiteach, BBC Alba, air 19 An t-Sultain 2008, a tha ri fhaicinn tro Sky agus Freesat. 'S e co-obrachadh eadar BBC Scotland agus MG Alba a th' ann. Tha MG Alba na iomairt ùr air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba gus craoladh Gàidhlig a bhrosnachadh.

Cànan

Fuaimneachadh

Mapa fuaimneachaidh ‘bainne’ anns a Ghàidhealtachd, stéidhte air Scottish Gaelic Dialect Survey le Douglas M Fraser, 2015

Fuaimreagan

Tha an stràc throm aig fuaimreagan na Gàidhlig, leis na litrichean à, è, ì, ò, ù. Tha an stràc gheur air uairibh air fhaicinn ann an sgrìobhaidhean, le é agus ó comharraichte, ach am bitheantas, tha stràc throm aig a h-uile fuaimreag.

Clàr fhuaimreagan le dòigh-labhairt ann an IPA
Litreachadh Fuaimneachadh Mar
a [a] bata
à [a:] bàta
e [ɛ], [e] le, teth
è, é [ɛ:], [e:] sèimh, fhéin
i [i], [i:] sin, ith
ì [i:] mìn
o [ɔ], [o] poca, bog
ò, ó [ɔ:], [o:] pòcaid, mór
u [u] tur
ù [u:] tùr

Dà-fhoghair

Clàr de dhà-fhoghair (a thaobh sgrìobhaidh), le dòigh-labhairt ann an IPA
Litreachadh Fuaimneachadh Mar
ai [a], [ə], [ɛ], [i] caileag, iuchair, geamair, dùthaich
ài [aː], [ai] àite, bara-làimhe
ao(i) [ɰː], [əi] caol, gaoil, laoidh
ea [ʲa], [e], [ɛ] geal, deas, bean
[ʲaː] ceàrr
èa [ɛː] nèamh
ei [e], [ɛ] eile, ainmeil
èi [ɛː] cèilidh
éi [eː] fhéin
eo [ʲɔ] deoch
eò(i) [ʲɔː] ceòl, feòil
eu [eː], [ia] ceum, feur
ia , [ia] biadh, dian
io [i], [ᴊũ] fios, fionn
ìo [iː], [iə] sgrìobh, mìos
iu [ju] piuthar
iù(i) [juː] diùlt, diùid
oi [ɔ], [ɤ] boireannach, goirid
òi [ɔː] fòill
ói [oː] cóig
ua(i) [uə], [ua] ruadh, uabhasach, duais
ui [u], [ɯ], [ui] muir, uighean, tuinn
ùi [uː] dùin

Consain

Clàr de chonsain le dòigh-labhairt ann an IPA
Freumhail Sèimhichte
Litreachadh Leathann Caol Ceart-sgrìobhadh Leathann Caol
b [p] [p] bh [v] [v]
c [kʰ, xk] [kʰʲ, çkʲ] ch [x] [ç]
d [t] [tʲ] dh [ɣ] [j]
f [f] [f] fh ciùin ciùin
g [k] [kʲ] gh [ɣ] [j]
l [ɫ] [ʎ] l [ɫ] [l]
m [m] [m] mh [v] [v]
n [nɰ] [ɲ] n [n] [n]
p [pʰ, hp] [pʰ, hp] ph [f] [f]
r [r] [r] r [r] [ɾʲ]
s [s] [ʃ] sh [h] [h]
t [tʰ, ht] [tʲʰ, htʲ] th [h] [h]
dà-bhileil bileil-fiaclach fiaclach còsagail for-chòsagail de bhràighe a' bheòil na cìche an t-sluagain
spreadhadh p, b , tʲ, dʲ k, g
srònach m n ɲ
coireall r
bualadh ɾ, ɾʲ
suathadh f, v s ʃ x, ɣ
taobhach l, ɫ ʎ, j

Ceanglaichean a-mach

Facail Iasadach

Tha dualchas Ceilteach aig a' chuid as motha de dh'fhacail Ghàidhlig. Ach tha mòran fhacal sa chànan bho chainntean eile ris an canar "facail iasaid". Tha mòran dhiubh a' tighinn bho Laideann (muinntir is Didòmhnaich bho monastērium is Dies Domini), seann Ghreugais le buaidh mhòr air an roinn diadhaidh (eaglais is Bìoball bho ἐκκλησῐ́ᾱ is βιβλία), Lochlannais (nàbaidh is sgeir bho nábúi is sker), Eabhra (an t-Sàbaid is Aba bho שַׁבָּת‎ is אבא‎) agus Beurla (briogais is maicreafòn bho britches is microphone).

Tha oidhirpean ann an cànan ùrachadh tro cruthachadh nua-fhacail a' bheanas ri adhartasan agus atharraichean a-rèir teicneòlais agus cùisean eile co-cheangailte ri beatha an latha an-diugh. Ach 's tric a thèid am facal Beurla a ghabhail agus a chur ann an litreachadh na Gàidhlig; mar eisimpleir Telebhisean bho Television ('s e "cian-dealbh" ainm eile sa Ghàidhlig air a shon nach eil cho cumanta), coimpiùtar bho computer (ainmean eile nach tèid cleachdadh: aireamhadair, bocsa-fiosa). Leis na gnìomhairean, mar eisimpleir, is tric a thèid facail na Beurla a chleachdadh le deireadh Gàidhlig (-eadh, no an Leòdhas, -igeadh) mar eisimpleir; "Tha mi a' watcheadh/watchigeadh an telly" (an àite "Tha mi a' coimhead air a' chian-dhealbh").

A' dol san cùrsa eile, tha buaidh air a bhith aig a' Ghàidhlig air a' Bheurla Ghallda agus Beurla gu ìre, gu h-àraidh Beurla na h-Alba. Tha facail iasadach bhon Ghàidhlig gus na cànanan seo mar: ben (beinn), brogue (bròg), clan (clann), glen (gleann), strontium (Sròn an t-Sìthein), slogan (sluagh-ghairm), whisky (uisge), agus loch. Dhrùidh fòn-eòlas na Gàidhlig gu math blas Beurla na Gàidhealtachd. Mar eisimpleir ann an Gàidhealtachd, mar sin tha [x] (amhail loch is Albannach) glè choitidh.

Eadar-dhealachaidhean ri Gàidhlig na h-Éireann agus Gàidhlig Mhannainn

Gàidhlig na h-Éireann Gàidhlig Gàidhlig Mhannainn
Fáilte Fàilte Failt
Uladh: Goidé mar atá tú?
Connacht: Cén chaoi a bhfuil tú?
Mumhan: Conas tánn tú?
Coitcheann[8]: Ciamar a tha thu?
Leòdhas[9]: Dè man a tha thu?
Earra-Ghàidheal agus na h-Eileanan Siar[10]: Dè mar a tha thu?
Kys t'ou?
Uladh: Cad é an t-ainm atá ort?
Connacht: Cén t-ainm atá ort?
Mumhan: Cad is ainm duit?
Coitcheann: Dè an t-ainm a tha ort?
Costa an iar[11]: C' ainm a tha ort?
Cre'n ennym t'ort?
Is mise... 'S mise... Mish...
Lá maith Latha math Laa mie
Maidin mhaith Madainn mhath Moghrey mie
Tráthnóna maith Feasgar math Fastyr mie
Oíche mhaith Oidhche mhath Oie vie
Go raibh maith agat Na h-Eileanan Siar agus an t-Eilean Sgitheanach[12]: Tapadh leat
Coitcheann[13]: Mòran taing
Iar-dheas[14]: Gun robh math agad
Gura mie ayd
Slán leat Mar sin leat Slane lhiat
Sláinte Slàinte Slaynt

Eadar-dhealachaidhean ri Gàidhlig na h-Éireann

Eisimpleirean:

  • Gàidhlig (Leòdhais) — Dè mar a tha thu?
  • Gàidhlig Choitcheann — Ciamar a tha thu?
  • Gàidhlig na h-Éireann (Ulaidh) — Caidé mar a tá tú?, no Cad é mar atá tú?
  • Gàidhlig na h-Éireann Choitcheann — Conas atá tú?
  • Gàidhlig — Chan eil airgead agam.
  • Gàidhlig na h-Éireann — Níl airgead agam

Gàidhlig na h-Éireann : Gàidhlig

  • Gael : Gàidheal
  • lá : latha
  • oíche : oidhche
  • isteach : a-steach
  • scoil : sgoil
  • páiste : pàisde
  • gan : gun
  • údarás : ùghdarras
  • oifig : oifis (air a neo oifig)
  • oscailte : fosgailte
  • bliain : bliadhna
  • raidió : rèidio (gath-cian-sgrìobhach)
  • rialtas : riaghaltas
  • parlaimint : pàrlamaid
  • oileán : eilean

Eadar-dhealachaidhean ri Gàidhlig Mhanainn

Eisimpleirean:

  • Gàidhlig Choitcheann — Ciamar a tha thu?
  • Gàidhlig Mhanainn — Kys t'ou?
  • Gàidhlig Choitcheann — Seo an taigh agam.
  • Gàidhlig Mhanainn — Shoh yn thie aym.

Gàidhlig Mhanainn : Gàidhlig

  • Gael : Gàidheal
  • laa : latha
  • oie : oidhche
  • sthie : a-steach
  • scoill : sgoil
  • paitçhey : pàisde
  • gyn : gun
  • eaghtyrys : ùghdarras
  • offish : oifis (air a neo oifig)
  • foshlit : fosgailte
  • blein : bliadhna
  • radio : rèidio (gath-cian-sgrìobhach)
  • reiltys : riaghaltas
  • ard-whaiyl : pàrlamaid
  • ellan[15] : eilean

Tùsan

  1. [1]
  2. "Oifis Iomairtean na Gàidhlig
  3. "Language by State - Scottish Gaelic" aig làrach-lìn Modern Language Association, a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007
  4. "Languages Spoken At Home" bho làrach-lìn Riaghaltas Astràilia: Office of Multicultural Interests, a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007
  5. Languages Spoken:Total Responses làrach-lìn staitistearachd Seallainn Nuaidh, a' tarraing air 5 an Lùnasdal 2008
  6. 6.0 6.1 Àrdachadh ann an luchd-labhairt na Gàidhlig”, Naidheachdan a' BhBC. 21mh dhen Chèitean 2024. Air a thogail 21mh dhen Chèitean 2024. 
  7. Iona, Anna Ritchie, Historic Scotland, 1997, ISBN 0-7134-7856-X; t-d: 29-30
  8. "ciamar". Am Faclair Beag. Michael Bauer and Will Robertson. Retrieved 15 January 2019.
  9. "dè man". Am Faclair Beag. Michael Bauer and Will Robertson. Retrieved 15 January 2019.
  10. "dè mar". Am Faclair Beag. Michael Bauer and Will Robertson. Retrieved 15 January 2019.
  11. "c' ainm a tha ort?". Am Faclair Beag. Michael Bauer and Will Robertson. Retrieved 15 January 2019.
  12. "tapadh leat". Am Faclair Beag. Michael Bauer and Will Robertson. Retrieved 15 January 2019.
  13. "mòran taing". Am Faclair Beag. Michael Bauer and Will Robertson. Retrieved 15 January 2019.
  14. "gun robh math agad". Am Faclair Beag. Michael Bauer and Will Robertson. Retrieved 15 January 2019.
  15. "ON-LINE MANX DICTIONARY". ON-LINE MANX DICTIONARY. J.F. Craine. Retrieved 16 June 2020.

Aistidhean co-cheangailte

Ceanglaichean a-muigh