MG Alba
Cur air cois | 2003 |
---|---|
Sponsair | Riaghaltas na h-Alba |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Sgìre riaghaltais ionadail | Na h-Eileanan Siar |
Prìomh-àite rianachd | Steòrnabhagh |
Riaghlaichte le | Ofcom |
Làrach-lìn | http://www.mgalba.com/ |
Is e dleastanas MG ALBA (ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) fo Achd Chonaltraidh 2003 dèanamh cinnteach gu bheil deagh phrògraman Gàidhlig rim faotainn airson dhaoine ann an Alba.
Ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, tha MG ALBA air BBC Alba, an t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig, a stèidheachadh.
Tha e mar phrìomhachas aig MG ALBA cothrom-sgaoilidh BBC ALBA a ghlèidheadh air a h-uile ùrlar didseatach agus craoladh sa Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd. Tha MG ALBA cuideachd ag obair còmhla ri riochdairean airson leasachadh, trèanadh agus cleachdadh Gàidhlig mar chànain-obrach a’ ghnìomhachais-riochdachaidh a bhrosnachadh.
Tha MG ALBA air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom.[1]
Reachdas
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a stèidheachadh fo ullachadh Achd Conaltraidh 2003, Earrannan 208-210, gus dèanamh cinnteach gum bi sreath fharsaing agus measgaichte de dheagh phrògraman Gàidhlig air an lìbhrigeadh tro chraoladh no eile gu sluagh na h-Alba.
Tha ùghdarras air a thoirt do MG ALBA airson prògraman a dhèanamh agus ceadan craolaidh a chumail a bharrachd air an fheadhainn shònraichte air an liostadh ann an Earrann 208 (4B) de Achd Conaltraidh 2003. Tha i air cumhachdan agus dleastanasan maoineachaidh a ghabhail a-staigh a thaobh maoineachadh phrògraman Gàidhlig, trèanadh, rannsachadh agus obair cho-cheangailte fo Earrannan 183 agus 184 de Achd Craolaidh 1990, Earrannan 32 agus 95 de Achd Craolaidh 1996 agus Pàipearan-taic co-cheangailte riutha.
Chaidh uallach airson maoineachadh MG ALBA a thoirt gu Ministearan Albannach fon òrdugh seo: The Scotland Act 1998 (Transfer of Functions to the Scottish Ministers etc.) Order 1999 (SI 1999 No. 1750).[2]
BBC Alba
[deasaich | deasaich an tùs]Tha MG ALBA agus am BBC ag obair còmhla, a' craoladh BBC ALBA, an seanail telebhisean Gàidhlig. Bhon latha a thòisich BBC ALBA air an 19mh Sultain 2008, ’s e prìomh rùn a th' air a bhith aig MG ALBA a bhith a’ ruith agus a’ toirt fàs air an t-seanail ann an co-bhann leis a’ BhBC.
Tha co-obrachadh agus com-pàirteachas aig cridhe na h-obrach e agus le ar com-pàirtichean leithid Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean is Alba Chruthachail tha sinn a’ strì airson agus gum bi a Ghàidhlig air a cluinntinn agus air a cleachdadh gu nàdarra agus gu bitheanta sna meadhanan agus ann am beatha shòisealta agus culturail na h-Alba.
Tha am buidheann, a tha air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air a riaghladh le Ofcom, stèidhichte ann an Steòrnabhagh le làthaireachd anns an Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis agus Glaschu. ‘S e ar gealladh gur toir sinn spionnadh is brosnachadh tro nam Meadhanan agus tron Ghàidhlig.[3]
Film G
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh FilmG a chur air bhog le MG ALBA ann an 2008 leis an amas tàlant ùr a thoirt gu bàrr a thèid a leasachadh airson BBC ALBA. 'S e co-fharpais fhilmichean goirid Gàidhlig a th' ann an FilmG.[4]
Aistean co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Làrach-lìn MG Alba
- Làrach-lìn BBC Alba
- BBC Naidheachdan 2014-04-16: MG Alba a' cur fàilte air £2.1m a bharrachd
- BBC Naidheachdan 2016-09-09: Esslemont a’ fàgail BBC ALBA
- BBC Naidheachdan 2017-01-13: Deasaiche Coimiseanaidh ùr MG ALBA
- BBC Naidheachdan 2018-11-13: Ailean Dòmhnallach os cionn MG ALBA
- BBC Naidheachdan 2022-12-08: Cathraiche ùr air MG ALBA (Iain Moireasdan)