Pretoria

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Pretoria
Flag of Pretoria.svg Pretoria coa.jpg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
CentralPretoria.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of South Africa.svg Afraga a Deas
Ceàrn Gauteng
Sgìre Tshwane
Co-chomharran 25° 43’ Deas
28° 17’ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,644 km²
Àireamh-shluaigh 1,884,046 (2005)
Dlùths 1,146.01/km²
Àireamh fòn +2712
Duilleag oifigeil www.tshwane.gov

'S e prìomh-bhaile riochdail Afraga a Deas a tha ann am Pretoria. Ach tha dà phrìomh-bhaile eile ann: Cape Town (reachdail) agus Bloemfontein (breithneachail). Tha Pretoria suidhichte mu 50 cilemeatair san taobh tuath Johannesburg anns an earra-thuath Afraga a Deas. Tha ruith-bheanntan Magaliesberg timcheall air a’ bhaile. Tha Pretoria 412km bho Mhaseru (Leasoto), 1,175km bho Windhoek (Namibia) 921km bho Harare (Zimbabwe), 253km bho Ghaborone (Botsuana), 305km bho Mbabane (Dùthaich nan Suasaidh), agus 444km bho Maputo (Mòsaimbic).[1] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 1,335m os cionn ìre na mara.[2]

Chaidh Pretoria a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1855 le Marthinus Pretorius. Thaghadh esan an t-ainm airson urram a thoirt don athair aige: Andries Pretorius a bha na ghaisgeach nàiseanta. Bhon 1ad an Cèitean 1860 bha Pretoria na phrìomh-bhaile Poblachd Afraga a Deas neo (ZAR). Nuair a dh’atharraich Poblachd Afraga a Deas gu Afraga a Deas ann an 1961, bha Pretoria na phrìomh-bhaile riochdachail. Bha mì-chliù air a' bhaile mar: “Prìomh-bhaile Apartheid (sgaradh-cinnidh). Ach dh’atharraich sin aig an àm nuair a bha Nelson Mandela na chiad cheann-suidhe dhubh. Bha esan a’ fuireach anns na Union Buildings ann am Pretoria. Tha an riaghaltas Afraga a Deas ag obair an seo. Tha an togalach na laighe air Meintjies Kop. 'S e an còigeamh baile as motha na dùthcha a tha' ann Pretoria.[3]

Foghlam[deasaich | deasaich an tùs]

'S e aon de na bailtean as cudthromaiche ri taobh foghlam a tha ann am Pretoria. Tha mòran oilthighean ann:

  • University of Pretoria, an t-oilthigh as motha na dùthcha,
  • Tshwane University of Technology, oilthigh teicneòlas
  • University of South Africa, ainm goirid: UNISA, an t-oilthigh as motha a tha a’ dèanamh foghlam aig astar.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. Geonames
  4. TwinCities Nederland
  5. Sister Cities International
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: