Apartheid

O Uicipeid

B’ e Apartheid (IPA: aˈpɑrtɦɛɪ̯t) Poileasaidh poileataigeach agus siostam dhe sgaradh-cinnidh a mhair bho 1948[1] gu ruige 1990 ri linn riaghaltasan a’ Pàrtaidh Nàiseanta ann an Afraga a Deas (agus Naimibia nuair i a bha fo bhuaidh Afraga a Deas). Nochd am facal airson a' chiad turas ann an òraid a rinn Jan Smuts ann an 1917 nuair a bha esan na phrìomhair. Tha am facal a’ ciallachadh "dealachadh'" neo fiù’s "sgaradh" ann an Afrikaans is Duitsis,[2] ach thathar ga chleachdadh ann an iomadach cànan an latha an-diugh is tha brìgh an fhacail air fàs nas fhaide, gu seachd àiridh gus cunntas a thoirt air dealachadh-cinnidh air choireigin,ann an caochladh shuidheachadh air feadh an t-saoghail.

Thoisich dealachadh-cinnidh ann an Afraga a Deas ri linn cholonachd,[3] ach thugadh inbhe oifigeil air an dèidh nan taghaidhean choitcheann ann an 1948. Sheòrsadh na daoine ann am buidhnean cinnidh (daoine geala, dubha, dathte is Innseanaich) agus chaidh na bailtean air an dealachadh cuideachd a-rèir cinnidh is sgapadh na daoine le làmhachas-làidir. Chaill na daoine dubha an cuid saoranachd agus bha iad air am fuadachadh gu ruige deich 10 ranntairean fèin-riaghlaidh treubhail neo bantustans, is bha ceithir dhiubh fiù 's nan stàitean neo-eisimeileach. Dhealachadh an riaghaltas a h-uile càil air sàilleabh adhbharan cinnidh: slàinte, foghlam agus seirbhisean poblach: ‘S e na daoine geala a gheibheadh an cuid na b’ fheàrr is na daoine dubha an cuid na bu mhiosa.[4]

Nochd comhaireachd làidir an aghaidh apartheid taobh a-staigh na dùthcha. Dh’fheuch an riaghaltas ris an iomairt seo a mhùchadh: thoirmisg iad na buidhnean dùbhlanach is chuir iad na dùbhlanaich na bu chudromaiche, mar Nelson Mandela, dhan a’ phrìosan. Dh'fhailich leasachadh fad na 80an piseach a thoirt do shuidheachadh na dùthcha agus ann an 1990 thoisich an ceann-suidhe F. W. de Klerk crìoch an t-siostaim a rèiteachadh.[5] Thug taghaidhean saora aite mu dheireadh thall ann an 1994 agus bhuannaich Nelson Mandela agus a phartaidh, an ANC.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Sabar
  2. Friedrich Kluge: Etymologisches Wörterbuch der deutschen Sprache. Berlin, New York (Walter de Gruyter) 2002, ISBN 3-11-017473-1, S. 52 (Einträge: apart, Apartheid)
  3. Histoire de l'Apartheid
  4. IDRC
  5. Cape Town Letters