Nelson Mandela

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Nelson Rolihlahla Mandela
Nelson Mandela

Ceann-suidhe Afraga a Deas


Breith 18 an t-Iuchar 1918
Flag of South Africa 1928-1994.svg Mvezo
Bàs 5 an Dùbhlachd 2013
Flag of South Africa.svg Johannesburg
Pòsadh 1. Evelyn Nkoto Mase
2. Winnie Madikizela–Mandela
3. Graça Simbine Machel
Clann Madiba Thembekile Mandela
Makaziwe Mandela
Makgatho Lewanika Mandela
Makaziwe Mandela
Zenani Mandela
Zindziswa Mandela
Ainm na Stàite Flag of South Africa.svg Afraga a Deas
Teirm 10 an Cèitean 1994 gu 14 an t-Ògmhios 1999
Ro-theachdaire F. W. de Klerk
Neach-ionlaid Thabo Mbeki
Pàrtaidh African National Congress Flag.svg ANC
Alma mater Oilthigh Witwatersrand
Dreuchd Fear-lagha
Creideamh Modhachas[1]
Ainm-sgrìobhte Nelson Mandela Signature.svg

B' e neach-poileataigs Afraganach agus a' chiad Cheann-suidhe dubh a bh' aig Afraga a Deas a-riamh a bha ann an Nelson Rolihlahla Mandela (IPA: xoˈliːɬaɬa manˈdeːla, far-ainm san treubh aige: Madiba,Mvezo,[2] 18 an t-Iuchar 1918 - Johannesburg[3], 5 an Dùbhlachd 2013)[4] Bha e gu mòr an sàs anns an iomairt an aghaidh sgaradh-cinnidh (apartheid) ann an Afraga a Deas.

Beatha pearsanta[deasaich | edit source]

B' e Rolihlahla Dalibhunga Mandela an làn ainm aige.[5] Ged an do rugadh Mandela ann am Mveso, thogadh e ann an Qunu, o chionn 's gun do chuireadh athair, Gadla Henry Mphakanyiswa, às a dreuchd mar ceann-feadhna. Chaochail athair nuair a bha Mandela naoi bliadhna a dh'aois.[5] Mar iomadach bhuill dhen iomairt an aghaidh Apartheid, 's e isiXosa[6] an cànan a fhuair e bho ghlùn.

Bha e pòsta ri triuir bhoireannach na bheatha. Phòs e a chiad bhean, Evelyn Mase, ann an 1944 agus bha triùir chloinne aca. Dhealaich iad ann an 1957.[7] Phòs e Winnie Madikizela ann an 1958. [8] Dhealaich iad ann an 1992 as dèidh gun deach Winnie fhaighinn ciontach fo chasaidean gun tug i daoine am bruid.[9] Phòs e an treas turas ann an 1998 ri Graca Machel nuair a bha e 80 bliadhna a dh'aois.[10]

Beatha obrach[deasaich | edit source]

Chaidh e an lùib an 'ANC' - Còmhdhail Nàiseanta Afraga - ann an 1943 agus chuir e air dòigh an Lìg Òigridh.[7] Fhuair e teisteanas mar fear-lagha anns na 1950an agus bha oifis lagha aige ann an Johannesburg le fear eile, Oliver Tambo.[7]

Anns na 1950an, bha laghannan ùra ann an Afraga a Deas ag ràdh nach b'urrainn do dhaoine dhubha fuireach no obair ach ann an àiteachan a bha air a chomharrachadh dhaibh.[8] Ann an 1956, chaidh casaidean brathaidh a chur às leth Mandela agus 155 luchd-iomairt eile. Ach às dèidh ceithir bliadhna, chaidh na casaidean sin a leigeil às.[8]

Ann an 1960, rinn riaghaltas Afraga a Deas an ANC mì-laghail.[11] An dearbh bliadhna, thachair sgrios ann an Sharpeville nuair a mharbh am poileas 69 daoine.[11] Gu ruige sin, bha an iomairt aig Mandela an aghaidh sgaradh-cinnidh sìtheil. Ach mun àm sin, chuir Mandela roimhe gun chleachdadh e fòirneart an aghaidh eaconamaidh na dùthcha le sabotàis.[11]

Ann an 1964, thugadh binn beatha do Mhandela. Chuireadh gu prìosan Eilean Robben e ri linn riaghaltas Hendrik Verwoerd.[12] A dh'aindeoin a' bheachd a bha cumanta ann am meadhanan an t-saoghail gum b' e ceannairceach a bh' ann am Mandela, chuir a cho-obraiche, Oliver Tambo, iomairt air dhòigh ann an 1980 gus Mandela a shaoradh on phrìosan.[13] B' e iomairt eadar-nàiseanta a bh' ann a rinn Mandela ainmeil air feadh an t-saoghail. Ann an 1981, thug Comhairle Baile Ghlaschu an duais 'Saorsa a' Bhaile' dha, rud a sgaoil an uairsin gu Obar Dheathain, Dùn Dèagh, Greenwich, Islwyn in Gwent, Kingston Upon Hull, Midlothian, Newcastle agus Sheffield.[14]

Tharraing Glaschu aire muinntir Alba dha a-rithist ann an 1986 nuair chaidh an t-ainm 'Nelson Mandela Place' a chuir air St George's Place ann an teis-meadhan a' bhaile. Bha an t-atharrachadh gu sònraichte eirmseach seach gun robh consulate-general Afraga a Deas stèidhichte anns an togalach Stock Exchange air an dearbh sràid.[15]

B' ann anns na 1990an a dh' atharraich cùisean ann an Afraga a Deas. Thog F.W. de Klerk, ceann-suidhe Afraga a Deas, an casg air an ANC ann an 1990.[13] An uair sin, leigeadh le Mandela am prìosan fhàgail air 11 an Gearran 1990.[13] Rèitich Mandela agus F. W. de Klerk na còrdaidhean a chruthaich stàit ùr gun gràin-chinnidh ann an Afraga a Deas is bhuannaich an dithis aca an Duais Nobel airson Sith ann an 1993.[16] An ath bhliadhna, bhuannaich Mandela an taghadh airson ceann-suidhe na dùthcha anns a' chiad taghadh far an robh còir bhòtaidh aig a h-uile duine ann an Afraga a Deas.[17]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Mandela, Nelson (1994). Long Walk to Freedom: The Autobiography of Nelson Mandela. Randburg: Macdonald Purnell. d. 438. ISBN 0-316-87496-5.
  2. Nelson Mandela Centre of Memory: Biography
  3. El País
  4. The Nobel Peace Prize 1993
  5. 5.0 5.1 O' Henley, d.5.
  6. BBC
  7. 7.0 7.1 7.2 O' Henley, d.6.
  8. 8.0 8.1 8.2 O' Henley, d.8.
  9. O' Henley, d.15.
  10. O' Henley, d.18-9.
  11. 11.0 11.1 11.2 O' Henley, d.10.
  12. O' Henley, d.11.
  13. 13.0 13.1 13.2 O' Henley, d.14.
  14. "BBC Scotland news website: Why did Nelson Mandela thank Glasgow? By Steven Brocklehurst". A' tarraing air 6 Dùbhlachd 2013.
  15. "BBC Scotland news website: Why did Nelson Mandela thank Glasgow? By Steven Brocklehurst". A' tarraing air 6 Dùbhlachd 2013.
  16. Nobel
  17. O' Henley, d.16.
  • O' Henley, Ailig. (2004) Beatha le Buaidh: Nelson Mandela Inbhir Nis: Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig ISBN: 1-904730-08-6
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: