Afraga a Deas

O Uicipeid
Afraga a Deas
stàit neo-eisimeileach, dùthaich
Pàirt deSouthern Africa Deasaich
Cur air cois31 dhen Chèitean 1910 Deasaich
Participant inBASIC countries Deasaich
Ainmichte às dèidhsouth, Afraga Deasaich
Neach bhon àiteSud-africaine, Sud-africain Deasaich
Laoidhnational anthem of South Africa Deasaich
Cultureculture of South Africa Deasaich
MottoUnity in Diversity Deasaich
Mottoǃke e: ǀxarra ǁke Deasaich
Mòr-roinnAfraga Deasaich
DùthaichAfraga a Deas Deasaich
Prìomh-bhailePretoria, Bloemfontein, Baile a' Chip Deasaich
Roinn-tìdeUTC+02:00, UTC+03:00, Africa/Johannesburg Deasaich
Faisg air an uisgeSouth Atlantic Ocean, Cuan Innseanach Deasaich
Domhan-leud is -fhad29°0′0″S 24°0′0″E Deasaich
Coordinates of easternmost point26°51′32″S 32°53′27″E Deasaich
Coordinates of northernmost point22°7′40″S 29°39′30″E Deasaich
Coordinates of southernmost point34°50′5″S 20°0′0″E Deasaich
Coordinates of westernmost point28°38′0″S 16°27′15″E Deasaich
Puing as àirdeMafadi Deasaich
Lowest pointCuan Innseanach Deasaich
Basic form of governmentparliamentary republic, representative democracy Deasaich
Oifis aig ceann-stàiteCeann-suidhe Afraga a Deas Deasaich
Ceannard na stàiteCyril Ramaphosa Deasaich
Oifis aig ceann an riaghaltaisCeann-suidhe Afraga a Deas Deasaich
Ceannard an riaghaltaisCyril Ramaphosa Deasaich
Executive bodyGovernment of South Africa Deasaich
Legislative bodyParliament of South Africa Deasaich
Highest judicial authorityConstitutional Court of South Africa Deasaich
Central bankSouth African Reserve Bank Deasaich
Currencyrand Deasaich
Baile-céileAisai Deasaich
Driving sideleft Deasaich
Electrical plug typeEuroplug, AC power plugs and sockets: British and related types, BS 546, IEC 60906-1 Deasaich
Cuspair eòlaisSouth African studies Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.gov.za/ Deasaich
HashtagSouthAfrica Deasaich
Top-level Internet domain.za Deasaich
BratachFlag of South Africa Deasaich
Gearradh-armcoat of arms of South Africa Deasaich
Geography of topicgeography of South Africa Deasaich
Feartfree country Deasaich
History of topichistory of South Africa Deasaich
Railway traffic sideleft Deasaich
Open data portalDataFirst Statistics South Africa, South Africa Data Portal Deasaich
Economy of topiceconomy of South Africa Deasaich
Demographics of topicdemographics of South Africa Deasaich
Mobile country code655 Deasaich
Country calling code+27 Deasaich
Trunk prefix0 Deasaich
Emergency phone number112 Deasaich
GS1 country code600-601 Deasaich
Licence plate codeZA Deasaich
Maritime identification digits601 Deasaich
NCI Thesaurus IDC17151 Deasaich
Caractar Unicode🇿🇦 Deasaich
Category for mapsCategory:Maps of South Africa Deasaich
Map

'S e dùthaich ann an ceann a deas Afraga a th' ann an Afraga a Deas[1][2][3] ainm oifigeil: Poblachd Afraga a Deas.[4][5] Tha mu 45 millean duine a' fuireach anns an dùthaich seo. Tha Afraga a Deas ri taobh Naimibia, Botsuana, Siombabue, Mòsaimbic agus Dùthaich nan Suasaidh. Tha dùthaich bheag air a chuairteachadh le Afraga a Deas, 's e Leasoto a tha oirre. B' e Nelson Mandela an duine as cliùitiche aig Afraga a Deas. Bha e na cheann-suidhe bho 1994 gu 1999.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Johannesburg am baile as motha a th' ann; tha trì prìomh-bhailtean aig Afraga a Deas, agus 's iad Cape Town, Pretoria agus Bloemfontein. A bharrachd air sin, tha iomadach baile eile ann, mar Mbewuleni, Mvezo, Paul Roux agus Qunu.

Cànain[deasaich | deasaich an tùs]

Tha aon chànan deug ann: Afraganais, Beurla, isiNdebele, Xhosa, Zulu, Swati, Setswana, Sesotho, Sesotho sa Leboa, Tshivenda agus Xitsonga. Ri linn seo, tha ainm oifigeil fa leth aig gach cànan air an dùthaich.

Eaconomaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha sgaradh mòr ann an eaconomaidh Afraga a Deas eadar coitcheannan a' Chiad Shaoghail agus an Treasamh Saoghail. Tha na roinnean leasaichte den eaconomaidh gu math coltach ris an fheadhainn aig dùthchannan beartach, den leithid an Rìoghachd Aonaichte no Astràilia. Tha a' chuid eile nas dlùithe ris na dùthchannan bochda, mar na h-Innseachan no Pagastàn. 'S e mèinnearachd (airson a' mhòr chuid daoimean agus òr), càraichean agus urrasachd na prìomh gnìomhachasan a th' ann an Afraga a Deas.

Feachdan armaichte[deasaich | deasaich an tùs]

Blyde River Canyon, Afraga a Deas

'S e na feachdan armaichte as treasa ann an Ceann a Deas Afraga a tha aig Afraga a Deas. Tha e a' cosg barrachd air feachdan armaichte na nàbaidh sam bith aige agus ri linn seo 's e an teicneòlas as adhartaiche a tha anns an roinn aige. B' àbhaist airm niùclasach a bhith aig Afraga a Deas ach chaidh an cur à feum ann an 1993.

Duilgheadasan le HIV[deasaich | deasaich an tùs]

Tha mòran dhaoine ann an Afraga a Deas a' fulang le HIV agus AIDS. Tha an suidheachadh gu math èiginneach le còrr is fichead às a' cheud anns an t-sluagh a' fulang leatha.

Spòrs[deasaich | deasaich an tùs]

'S e criogaid, rugbaidh agus ball-coise nan spòrsachan as motha ann an Afraga a Deas. Nuair a bha Apartheid ann, bha bacadh air sgioban spòrs à Afraga a Deas.

Ainmean eile[deasaich | deasaich an tùs]

Camel Rock, Rooiberg, Afraga a Deas

Tha 11 chànan oifigeil eile aig Afraga a Deas.

  • Republiek van Suid-Afrika (Afrikaans)
  • Republic of South Africa (Beurla)
  • IRiphabliki yeSewula Afrika (IsiNdebele)
  • IRiphabliki yaseMzantsi Afrika (IsiXhosa)
  • IRiphabliki yaseNingizimu Afrika (IsiZulu)
  • Rephaboliki ya Afrika-Borwa (Sepedi)
  • Rephaboliki ya Afrika Borwa (Sesotho)
  • Rephaboliki ya Aforika Borwa (Setswana)
  • IRiphabhulikhi yeNingizimu Afrika (SiSwati)
  • Riphabuḽiki ya Afurika Tshipembe (Tshivenda)
  • Riphabliki ra Afrika Dzonga (Xitsonga)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: