Teicneòlas

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Speurair

Is e a tha ann an teicneòlas an àlach de sgilean agus fiosrachadh a tha sònraichte ri cruthachadh goireasan de gach seòrsa.

Aithnichear anns an latha an diugh trì inbhe de teicneòlas: Teicneòlasan Ìosail, Teicneòlasan Meadhanach agus Ard Teicneòlasan.

Mar sin tha teicneòlas (ged nach eil e ach aig ìre ìosal) an dèanamh bogha agus saighead le ceann cloiche. Feumaidh muinntir a' chiad dhomhainn a bhi faiceallach co-dhiù nuair a bhios iad a' measadh teicneòlasan simplidh - oir ged nach eil na teicneòlasan fa-leth seo stèidhichte air saidheans mar a bhiodh sinn ga tuigsinn, tha eòlas agus sàr-sgilean aig tùsanach air bith a tha comasach a dhèanamh faobhar-ghearraidh a spealg cloiche.

Thoisich sàr-eòlaich a dh'aithnich seo rè na beagan bliadhnaichean a chaidh, bu sònraichte an Canada, far a bheil 's an latha an diugh colaiste neo dha a' tairgse cùrsaichean an "teicneòlasan tùsanaich" air toiseach a dh'aithneach.

Tuigear, bho na facail as àirde, gu bheil roinn de teicneòlas sònraichte ri gach roinn gnìomhachais. Nas àirde a bhios inbhe de teicneòlais, nas eagnaidh a bhios na rudan dèanta leis na teicneòlaich.

Tha obraichean (neo innealan) mar "rathad-iarainn" nam deagh eisimpleir den dòigh a tha teicneòlas fa-leth sònraichte ri gach seòrsa muileann, agus tha diofar seòrsaichean rathad-iarrainn a' crochadh air teicneòlasan aig ireaibh eadar-dhealaichte. Anns an 17mh Linn, cha deach cleachdadh air gadaibh iarrainn ach air maidibh fiodha.

Glèidhear na carbadan air na gadaibh leis na slisean agus sin a h-aon prionnsabal a tha cleachdta 'san lath an diugh ged is a tha "An teicneòlas air gluasad ar adhart gus an aite cuibhlean fiodh a ruithe aig 2mph air gadaibh fiodh, chì sinn trèanaichean sar-luatha le cuibhlean stàilinn a ruith aig 300 mìle san ur air gadaibh stàilinn.