Iarann

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Iarann
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Uut Fl Uup Lv Uus Uuo
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Fe
Àireamh 26
Buidheann Iarann (8)
Ùine 4
Bloca d
Seòrsa Meatailtean trastach
Dath Airgead
Buadhan ceimigeach
Tomad atamach 55.845(2) [g/mol]
Comh-dhealbhadh [Ar] 3d6 4s2
Coir ogsaideachaidh −2, −1, +1,+2,+3,+4,+5,+6
1mh lùth idheonachaidh 762.5 [kJ/mol]
2mh lùth idheonachaidh 1561.9 [kJ/mol]
3mh lùth idheonachaidh 2957 [kJ/mol]
Iarann

Is e eileamaid ceimigeach a tha ann an iarann e samhla Fe (Laideann: ferrum) agus àireamh atamach 26.

Is e meatailt trastach a tha ann.

Alotròpaichean[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a rachas fuarachadh malla air iarainn leaghta, fuasglar teas aig teasadan de 1400 °C, 900 °C agus 760 °C. Measar gun caochal eagar nan dudaman aig na puingean seo, mar sin theirear gu bheil ceithir cruthan alatròpachd de iarrainn. Mairidh α-iarainn fo 760 °C, β-iarainn eadar 760 is 900 °C , γ-iarrainn eadar 900 is 1400 °C agus δ-iarainn eadar 1400 is 1505 °C.

Iarann carbaid[deasaich | deasaich an tùs]

Tha iarann carbaid (Fe2C3) so-leaghta an gama-iarrainn ach cha tèid a leaghadh anns na h-inbhean eile.

Theid ath-criostalas iomlan air iarann aig 900 °C.

Nochdaidh am feart-iùil aig 760° (an fuarachadh), is theid e à bhi nuair a teasachar iarunn tro am puing sin.

Leaghar iarann, ann an furnais-seidste, a mach a cloich-iùil, le bhi ga losgadh comhla le clach-aoill agus gualan. An luib seo bithidh cuid gualan comh-mheasgta leis an iarann ùr. Nuair a bhitheas an iarann aig inbhe-gama, comh-mheasg an carbon seo le cuid de'n iarann a chruthaich Fe2C3.

Do bhrigh nach eil moran Fe2C3 so-leaghta an iarann ach aig inbhe-gama, bithidh bleideagan ghualain a' cruthachadh ann an meanbh-sructur an iarainn an uair a theid a fhuaradh tro 900 °C.

An luib na bleideagan gualain seo, is stugh so-bhriste a tha ann an iarunn-tilgte, ged a bhitheas am beagan carbaid-iarainn a tha air fagail eadar na criostalan iarainn ri ragachadh a mheanbh-sructar agus aobharachadh feart cruadhaid dha.