Botsuana
| Lefatshe la Botswana Republic of Botswana |
|
|---|---|
Bratach |
Lùireach |
| Laoidh Nàiseanta | |
| Fatshe leno la rona Blessed Be This Noble Land |
|
| Sluagh-ghairm nàiseanta | |
| Pula Rain |
|
| Cànan(an) oifigeil | Beurla, Canan Tswana |
| Prìomh-bhaile | Gaborone |
| Baile as motha | Gaborone |
| Riaghaltas | Poblachd phàrlamaideach |
| Ceann-suidhe | Festus Mogae |
| Stèidheachadh | |
| Neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte |
30mh an t-Sultain 1966 |
| Farsaingeachd | |
| Iomlan | 581,726 km² (41mh) |
| Uisge | 2.5 % |
| Àireamh-shluaigh (2006) | |
| Iomlan | 1,639,833 (147mh) |
| Dlùths | 3.0/km² (220mh) |
| LTD/CCC (2007) | |
| Iomlan | $18.72 billean (114mh) |
| gach pearsa | $14,700 (60mh) |
| Roinn tìde | CAT (UTC+2) |
| Ruith-airgid | Pula |
| Eadar-lìon TLD | .bw |
| Còd Àireamh fòn | 267 |
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann Botsuana,[1][2][3] ainm oifigeil: Poblachd Bhotsuana. Tha crìochan aice sa tuath le Saimbia, san ear-thuath le Siombabue, san iar le Naimibia agus sa deas le Afraga a Deas.
'S e fàsach a tha ann an 70% den dùthaich. Tha am Fàsach Kalahari suidhichte ann an iar-dheas Botsuana. 'S e an Okavango Delta an t-inbhir as motha air feadh an t-Saoghail. Tha e anns an earra-thuath na dùthcha.
Fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte anns a’ bhliadhna 1966, ach tha i fhathast nam ball den Cho-fhlaitheas.
B' e Botsuana aon de na dùthchannan as bochda a bha ann air feadh an t-Saoghail. Ach bhon àm, nuair a fhuair iad neo-eisimeileachd, dh’fhàs i nas beartaiche. Eadar 1966 agus 1999 chaidh an Làn-thoradh dùthchail suas mu 9% gach bliadhna.[4] Anns a' bhliadhna 2007 bha an GDP aig gach pearsa suas gu $14,700[5].
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ www.state.gov
- ↑ CIA World Fact Book