Kinshasa
As a'Wikipedia
Ville de Kinshasa
|
|||||
![]() |
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | Poblachd Dheamocrach na Congo | ||||
| Ceàrn | Kinshasa | ||||
| Co-chomharran | 4° 16' Deas 15° 17' Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 9,965 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 7,017,000 (2004) | ||||
| Dlùths | 704.16/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | www.kinshasa.cd | ||||
'S e prìomh-bhaile na Poblachd Dheamocrach na Congo a tha ann an Kinshasa (seann àinm Léopoldville). Anns a’ bhliadhna 2004 bha nas motha na 7 millean duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin agus mar sin dheth ‘s e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte taobh a deas air bruach an Abhainn Congo, mu choinneamh Brazzaville, prìomh-baile Poblachd na Congo a tha suidichte air an taobh tuath na h-aibhne.
Chaidh am baile a stèideachadh mar àite –malairt le Henry Morton Stanley anns a’ bhliadhna 1881. Chuireadh Léopoldville mar ainm air a’ bhaile airson urram a thoirt air an rìgh Léopold II às a' Bheilg.
'S e an treasamh baile as motha ann an Afraga, an dèidh Lagos agus Cairo. Agus 's e cuideachd an dàrna baile as motha air feadh an t-Saoghail (an dèidh Paris fhèin) far a’ bhios Fraingis ga bruidhinn.
'S e teas meadhan oideachail a tha ann an Kinshasa. Tha ceithir oilthighean ann:
- University of Kinshasa
- Congo Protestant University
- National Pedagogy University
- Allhadeff School
Tha dà phort-adhair aig Kinshasa:
- Kinshasa International Airport le pleanaichen a' dol gu Brussels, Paris, and Madrid agus dùthchannan eile ann an Afraga
- N'Dolo Airport.
