Nouakchott

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
نواكشوط
Nouakchott
Mauritania-Nouakchott.png
Suidheachadh
Dùthaich Moratainia
Ceàrn Nouakchott
Co-chomharran 18° 6’ Tuath
15° 57’ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,000 km²
Àireamh-shluaigh 881,000 (1999)
Dlùths 881/km²

'S e prìomh-bhaile Moratainia a tha ann an Nouakchott (Arabais: نواكشوط ). Tha an t-ainm a' ciallachadh: "àite na gaoithe". 'S e am baile as motha na dùthcha a tha ann cuideachd agus aon de na bailtean as motha ann am Fàsach Sahara.

B' e baile iasgaich a bha ann gu 1958. Ach chaidh a thaghadh mar prìomh-bhaile air sgàths gu bheil am baile suidhichte ann an àite math airson malairt agus air sgàths gu bheil an t-sìde math mar as trice.[1]

Tha e suidhichte air an taobh an iar fasach Sahara, aig a’ Chuan Siar.

'S e teas meadhan malairteach a th’ann. Chaidh am port-mara a dh’fhosgladh anns a’ bhliadhna 1986. Tha Nouakchott ceangailte le radhad mòr tro Boutilimit agus Kiffa gu Néma a tha mu 1100 cilemeatair air falbh [2].

Tha am port-adhair Nouakchott International Airport faisg air a’ bhaile.

Tha an t-aonar oilthigh ann am Moratainia suidhichte ann an Nouakchott, 's e Université de Nouakchott an t-ainm a tha air. Dh’fhosgail e anns a’ bhliadhna 1981.

Àitichean inntinneach ann an Nouakchott:

  • Nouakchott Museum, taigh-tasgaidh
  • Nouakchott Silver Market
  • National Library, leabharlann nàiseanta
  • National Archives

[deasaich] Iomraidhean

Margadh ann an Nouakchott
  1. Cities of the World, Vol. 1, p331; Brian Rajewski, ed., for Eastword Publications Development Inc., Cleveland, Ohio; Gale Research, Detroit, 1999. ISBN 0-8103-7692-X.
  2. www.otal.com/mauretania


[deasaich] Ceanglaichean a-mach

Dùn-gainmhich aig oir a' bhaile
Margadh-eisg air an tràigh ann an Nouakchott
Nouakchott
Mosg araibianach
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: