Freetown

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Freetown
Sierra Leone-Mappa.gif
Suidheachadh
Dùthaich Siarra Leòmhann
Ceàrn Western Area
Co-chomharran 8° 30’ Tuath
13° 7’ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 357 km²
Àireamh-shluaigh 772,873 (2004)
Dlùths 2,164.91/km²
Àireamh fòn (+232) (0)22

'S e prìomh-bhaile Siarra Leòmhann a tha ann an Freetown. Tha e suidhichte ann an ceàrn an iar na dùthcha aig a' Chuan Siar. 'S e teas meadhan malairteach agus poileataigeach a tha anns a’ bhaile. Tha an treasamh port-mara nadarra as motha air feadh an t-Saoghail aig Freetown. 'S e an Lungi International Airport am port-adhair eadar-nàiseanta a tha ann an Siarra Leòmhann. Tha e na laighe faisg air baile.


Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1787 le traillean saora agus le Black American Loyalist às a’ Bhreatainn. Cheannaich iad an talamh bhon Rìgh Tom, ceannard den cinneadh tùsail Koya Temne. Ach chaidh a’ chiad tuineachadh a losgadh anns a’ bhliadhan 1789[1]. 'Sa bhliadhna 1792 thòisich an Sierra Leone Company à Lunnainn air am baile a thogal a-rithist. Còmhla riutha bha traillean saora 's daoine à Iaimeuca ‘s à Alba Nuadh.

[deasaich] Iomradh

  1. Shaw, Rosalind, Memories of the Slave Trade: Ritual and the Historical Imagination in Sierra Leone. (2002) University of Chicago Press, Duilleag 37
Freetown
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: