Maseru
As a'Wikipedia
'S e prìomh-bhaile Leasoto a tha ann am Maseru. Tha e suidhichte air bruach Abhainn Mohokare faisg air crìoch Afraga a Deas. 'S e seo an co-chomharran aige: 29° 31’ Deas agus 27° 48’ Ear.
'S e an t-aonar baile mòr a tha anns an dùthaich seo. Anns a’ bhliadhna 2004 bha mu 180,000 duine a’ fuireach an seo.
Gus a’ bhliadhna 1966 bha Maseru na prìomh-bhaile Basutoland, a bha fo smachd an Rìoghachd Aonaichte. B' e an Kingsway, rathad mòr eadar port-adhair Leabua Jonathan (a-nis: Mejametalana Airport) agus an lùchairt rìoghail ann am Maseru a' chiad rathad leacte. Rinn iad sin dìreach mus tàinig Ban-rìgh Ealasaid II a cheilidh air Leasoto anns na 1960mh.
Tha an Oilthigh Nàiseanta Leasoto suidhichte ann an Roma, baile beag faisg air Maseru. Tha am port-adhair eadar-nàiseanta, Moshoeshoe International Airport ann an Thoteng-ea-Moli, rud beag air falbh bho Mhaseru.