Monrovia

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Monrovia
Downtown Monrovia 3348917715 67a2002529.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Liberia.svg Liberia
Ceàrn Monrovia Mòr
Sgìre Montserrado
Co-chomharran 06° 18 48' Tuath
10° 45 05' Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,010,970 (2008)

'S e prìomh-bhaile Libèiria a tha ann am Monrovia. Anns a’ bhliadhna 2003 bha 572,000 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin. Mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha Monrovia suidhichte eadar a’ Chuan Siar agus an Abhainn Mesurado. Tha am baile na laighe timcheall air a' phort-mara aige. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 19’ Tuath agus 10° 48’ Iar. Tha Monrovia 361km air falbh bho Freetown (Siarra Leòmhann), 478km bho Chonakry (Gini), 753km bho Abidjan agus 612km bho Yamoussoukro (Costa Ìbhri).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 30m os cionn ìre na mara.[2]

Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1824, ach bha daoine a’ fuireach an seo roimhe sin. Chuireadh Monrovia mar ainm air a’ bhaile airson urram a chuir air James Monroe, ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte aig an àm sin. 'S e teas meadhan malairteach ‘s gnìomhachail a th’ann. Tha am Central Bank of Liberia, am banca as cudthromaiche den dùthaich, ann am Monrovia cuideachd. Tha bàtaichean a’ dol gu Greenville agus gu Harper. 'S e an Roberts International Airport am port-adhair as fhaisge, tha e mu 60 cilemeatair air falbh bhon bhaile.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | edit source]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. Sister Cities International
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: