Luanda

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Luanda
Marginal of Luanda.JPG
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Angola.svg Angola
Ceàrn Luanda fhèin
Co-chomharran 08° 50 18' Deas
13° 14 04' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,067 km²
Àireamh-shluaigh 4,937,335 (2010)
Dlùths 2,388.65/km²
Àireamh fòn +

'S e Luanda (seann ainm: Loanda) na phrìomh-bhaile Angòla. 'S e Luanda am baile as motha cuideachd a tha ann an Angòla. Anns a’ bhliadhna 2005 bha 2.776.125 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha e suidhiche air a’ Chuan Siar agus mar sin dheth tha am port-mara as motha den dùthaich an seo. 'S e seo an Co-chomharran aige: 8°50'18" Deas agus 13°14'4" Ear. Tha Luanda 751km air falbh bho Khinshasa (Poblachd Dheamocrach na Congo), 1,791km bho Lusaka (Saimbia), agus 1,581km bho Windhoek (Namibia).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 6m os cionn ìre na mara.[2]

Chaidh am baile mar São Paulo de Loanda a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1575 leis an rannsachair Paulo Dias de Novais às a' Phortagail. Chaidh an dùn Fortaleza São Pedro da Barra a thogail ann an 1618 agus bho 1627 b’e teas meadhan poileataigeach Angòla a bha ann an Luanda. Aig àm neo-eisimeileachd anns a' bhliadhna 1975 bha am baile gu math beartach le mòran togalaichean nuadh-aimsireil.

Tha dà pàirt anns a’ bhaile fhèin:

  • baixa de luanda neo Luanda iosail, an seann bhaile le sràidean beaga agus togalaichean anns an stoidhle aig àm colonaidh.
  • cidade alta, am baile ùr

Tha dà oilthigh ann:

  • Catholic University of Angola, oilthigh prìobhaideach
  • University of Agostinho Neto, oilthigh poblachd

Tha am port-adhair Quatro de Fevereiro Airport na laighe faisg air a’ bhaile.

Canar gur e am baile as daoire a tha ann air feadh an t-Saoghail.[3]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. www.bloomberg news
  4. Sister Cities International
  5. Lisboa Câmara Municipal
  6. Municípios de Portugal
  7. Municípios de Portugal
  8. Porto Câmara Municipal
  9. Sapo
  10. Geminação de cidades Brasileiras