Conakry
As a'Wikipedia
'S e prìomh-bhaile Ghini a tha ann an Conakry neo Konakry (Cànan Maninka: Kɔnakiri). Tha e suidhichte air an Eilean Tombo anns a’ Chuan Siar. Ach tha e a’ gabhail a-steach an Kaloum Peninsula a-nis cuideachd, o chionns gun do dh’fhas am baile nas motha. Mar sin chan urrainnear a ràdh le cinnt cia mheud daoine a’ tha a’ fuireach an seo. Tha an U.S. Bureau of African Affairs ag ràdh gu bheil mu dhà mhillean duine ann. [1] 'S e am baile as motha den dùthaich a tha ann cuideachd. 'S e seo an co-chomharran aige: 9° 30’ 33” Tuath agus 13° 42’ 44” Iar.
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1887. Bho 1904 bha e na phrìomh-bhaile French Guinea.
'S e teas meadhan malairteach a tha ann. 'S e am port as motha den dùthaich a tha ann an Conakry, tha iad a’ cuir alman agus bananas gu thìr eile.
Tha coig ceàrnan anns a' bhaile an-diugh:
- Kaloum, meadhan a’ bhaile
- Dixinn, a’ gabhail a-steach an Oilthigh Chonakry agus mòran ambasaidean
- Ratoma, cliùiteach airson dòigh-bheatha san oidhche
- Matam
- Matoto, far a bheil am port-adhair Gbessia Airport.
[deasaich] Àitichean inntinneach
- Guinea National Museum, Taigh tasgaidh nàiseanta
- Guinea Palais du Peuple (Luchairt na daoine)
- Conakry Grand Mosque, Mosg a chaidh a thogail le Sekou Toure
- Iles de Los, eilean faisg air a’ bhaile
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ "Background Note: Guinea". Bureau of African Affairs, U.S. Department of State, January 2007. Accessed February 24, 2007.
- Thomas O'Toole, Janice E. Baker. Historical Dictionary Of Guinea. Scarecrow Press (2005). ISBN 0810846349
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
- http://www.guineeconakry.info/: Fiosrachadh Conakry
- Duilleag oifigeil turasachd
- l’Université Kofi Annan de Guinée (UNIKAG) Oilthigh Chonakry